GF255i16 AM FEAR A THUIT 'SAN UAIGH Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon Bha fear a' dol dhachaigh oidhch' is ghabh e rathad goirid thro chladh a bha sin. Thachair gu robh uaigh fosgailte. Thuit e san uaigh is cha b' urrainn dha faighinn ás. Co-dhiù, thàinig fear eile air adhart. Chuala e a' fear seo ag éigheachd is chaidh e a-null. Bha e 'g éigheachd gu robh e gu reòthadh. Chaidh a' fear seo a-null far an robh e is thuirt e ris, "Chan iongnadh ged a bhiodh tu a dhol reòthadh," thuirt e, "Tha thu an deaghaidh a h-uile sìon a bhreabadh dhìot!"