A' Cur amach Puinsin airson Mhadaichean Ruadh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF255i15 A' CUR AMACH PUINSIN AIRSON MHADAICHEAN RUADH
Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon
Alasdair Pheadail, bhiodh e a' cur a-mach puinnsean airson madaichean-ruadh sìos an cois a' chladaich ach thòisich feadhainn air call bheothaichean cruidh is bha iad a' cur a' choire air a' phuinnsean a bha Alasdair a' cur a-mach. Ach chaidh cuideigin far an robh sagairt. Dh'innis e dhan t-sagairt mu dheidhinn seo agus chuir an sagairt fios air Alasdair. Chaidh Alasdair sìos agus thuirt a' sagairt ris, "Nach sib'-fhéin an duine uamhasach a chuir a-mach puinnsean agus beothaichean feadhainn eile ga fhaighinn is e gam marbhadh?" "Uill," thuirt Alasdair. "Coimhead," ars Alasdair, "bha mise nam éiginn cho mór agus dh'fheumainn a chur a-mach ged a dh'itheadh sib-fhéin e!"