GF255i13 NIALL EÒGHAINN DUINN AGUS AN T-EASBUIG Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon Niall Eòghainn..Bha Niall Eòghainn Duinn latha 'tighinn a-nuas a' rathad is bha iad a' tighinn seachad àite an t-sagairt. Bha iad ag obair air feans' a-muigh a bha an àite an t-sagairt. Agus stad e is thuirt a' sagart ris, "Tha sinn a' cur air dòigh na feansadh a' seo ann a shin. Tha an t-easbuig a' tighinn an ùine goirid." "O seadh" ars Niall, "'Bheil esan dona dh'ionnsaigh nam feansachan?"