Back to recordings

An Fheansa Féidh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF255i12 AN FHEANSA FÈIDH


Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon



Bha fear 'san ospadal trup 's a' latha bha seo, bha iad a' bruidhinn air féidh—cho dona 's a bha iad dh'ionnsaidh na feansaichean. Bhiodh iad ag ithe h-uile sian. Ach, thuirt am fear seo, "Fhuair mis' air thoiseach orra," thuirt esan. "Bhiodh iad a' tighinn a nuas a' bheinn 's bhiodh iad a' glanadh a' ghàrraidh againn a-mach. Ach, latha bha seo, dh'fhalbh mise 's rinn mi feansa. Rinn mi 'n fheansa cho càm agus dar a leumadh am fiadh, bha e landadh air an taobh a-muigh dheth!"



The Deer Fence


There was a man in hospital once and this day, they were discussing deer—how bad they were for (jumping) fences. They used to eat everything. But this fellow said, "I got ahead of them," he said, "they used to come down the mountain and they used to clean out our garden. But this day, I went and built a fence. I made the fence so crooked that, when the deer jumped, it would land on the outside!"