GF255i09 UILLEAM EÒGHAINN Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon An naidheachd a bha Peadair Sheumais ag innse dhomh shìos aig Eaglais a' Chòbh. Bha crowd a' bruidhinn 's bha 'ad 'nan seasamh 's an cùil ris a' chladh. Thionndaich aon fhear mun cuairt, bha 'ad a' bruidhinn air feadhainn foghaineach 's thuirt e, "Tha iomadh duine foghaineach air an druim astaigh a' siod." "Uell, tha," thuirt Peadair, "agus tha aon fhear ann gu h-àraid," thuirt e. "Có tha sin?" "Uilleam Eòghainn," thuirt e. "Tha cuimhn' a'm air trup a thàinig e air chéilidh a dh' àit' Iain Ruairidh, shuas air a' bheinn. Bha tarbh aig muinntir Iain Ruairidh ri creic. Agus, có a thàinig ach an fheadhainn a bha 'dol a cheannach an tairbh, bha an tarbh a' ruith mun cuairt amuigh. Bha 'ad a' feuchainn ri beirid air agus cha ghabhadh beirid air. Ach, bha Uilleam 'na shuidh' astaigh. Chaidh fear dhiubh astaigh 's dh' iarr e air tighinn amach 'gan cuideachadh. Thàinig Uilleam amach 's dìreach dar a ràinig e 'mach, bha an tarbh a' deanadh air. Ach, co dhiubh, leum Uilleam an darna taobh 's rug e air earball air an tarbh. 'S chum e ann a' sin e. Ach, thàinig 'ad anall a chuir ròp' air agus thug 'ad an aire gu robh an t-seic' air a spliotadh shios air a' mhàis aig'. B' fheudar dhaibh a mharbhadh dìreach ann a' sin."