Back to recordings

Manaidhean (pàirt a sia)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF253i05_254i01Nf MANAIDHEAN (PÀIRT A SIA)


Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie



[Archie MacKenzie:] Bha feadhainn dha na manaidhean, ma dh'fhaoidte gum bithte 'ga' faicinn na 'gan cluinntinn fad bhliadhnaichean.


[John Shaw:] Sheadh.


[AM:] Tha cuimhn' agam air aon fhear àraid far a' robh sinne an-còmhnaidh ann a' siud, an cùl Eilean na Nollaig. Bha Beinn Theàrlaich, mar a thuirt 'ad, mu dhà mhìle na 'n uidhir sin á Eskasoni Mountain agus shuas goirid à mhullach na beinneadh a bh' ann a' sin, bha feadhainn an-còmhnaidh, Dòmhnallaich. Iagan—Iagan na' Beann— 's e àit' Iagan na Banntraich a bheireamaid ris.


[JS:] Seadh.


[AM:] Agus an àm a' gheamhraidh, bhiodh an t-uamhas do shneachda a' laighe mar sin air a' rathad. Agus bhiodh 'ad daonnan a' faighinn tàir a' cumail a' rathaid fosgailte. Uill, ach 's iomadh oidhche, gu h-àraid an àm a' gheamhraidh, a rachadh mo mhàthair a-mach agus bheireadh i, "Tha solas aig Iagan na Banntraich a-nochd a-rithist." Chuala mi siud cho tric agus chunnaic mi fhìn cuideachd e. Agus rud a bha a' cur ionghadh oirnn, 's e chan e aon solas a bh' ann idir ach mu dhusan aig—air astar [bhuat/dhuat/chuairt?] mar siud, mar gum biodh tu coimhead air an trèan, fhios agad, uinneagan na—


[JS:] O dìreach.


[AM:]—dìreach car mar siud. Agus bha seo riamh a' cur iongnadh oirnn. Ach co-dhiù, dh'amais dhomhsa dìreach a' bhliadhna mu 'n a dh'imprich sinn an nineteen-forty, dh'amais dhomh a bhith aig an taigh an oidhche a bh' ann a' seo agus chuala mi feadhainn ag ràdh— chaidh mi 'mach agus uill chuala mi gu robh gum b' fheudar dha 'n a h-uile duine a bha 's a' choimhearsnachd a dhol a-mach a bhristeadh a' rathaid. Bha tòrradh a' tighinn á Siudni. Nighean òg a mhuinntir Castle Bay a dh'eug ann a' Siudni is bha 'n tòrradh a' tighinn an oidhch' ud. 'S bha a' rathad dùinte suas cnoc Iagan na Banntraich, agus chaidh mis' a-mach 'is chunna mi na solaist. Cha robh duin' a thàinig nach robh lanntair aige 's chuir 'ad na lanntairean té á deaghaidh té a's a' chuithe shneachda a bha ri taobh a' rathaid. Chan fhacas solaist Iagan na Banntraich riamh tuilleadh.


[JS:] Chan fhaca.



Archie MacKenzie
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 24 recordings Faic pròifil | view profile