Manaidhean (pàirt a còig)
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF253i05_254i01Ne MANAIDHEAN (PÀIRT A CÒIG)
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
[Archie MacKenzie:] A-nis, chan eil glé fhad' do dh'ùine ás a dheaghaidh sin agus tha cuimhn' agam ann an nineteen-fifty bha, an oidhche a bh' ann a' seo, bha fear òg, dh'fhaoidte gum b' aithne dhut a chàirde, Bob MacLellan, 'na fhear lagh. Tha e shuas ann an Ottawa a-nis. 'S e an aon fhear a fhuair an uachdar air Ailean MacEachainn ann an nineteen-fifty-eight, ruith e 'n aghaidh Ailean MacEachainn.
[JS:] O seadh.
[AM:] Ach, co-dhiù, an oidhche a bh' ann a' seo, bha sinn 'nar suidhe a' bruidhinn air bòcain 's air manaidhean 's taibhs' 's a h-uile sian dhe, dha leithid sin. Agus, thug mi iomradh air rud ris an canadh 'ad dreag. Agus, chuir seo iongnadh uamhsach air. Agus thuirt mi ris gur ann daonnan a mhanadh air tòrradh a bha an dreag a bh' ann a' seo.
Agus thionndaidh e 's thuirt e rium, "Ah," ars' esan, "isn't it strange. Did you ever see one of them?"
"No," I said, "I didn't." "But," ach thuirt mi ris gum b' aithne dhomh iomadh duine a chunnaic 'ad agus 's tric a chuala mi 'ad a' bruidhinn air a-staigh.
Ach bha sin mar sin 's os' esan, "Isn't it strange that nobody sees those things now. How can you explain that? And you don't see anything like that in the city." Sin a' rud a thuirt e. "You don't see anything like that in the city."
"Well," arsa mise, "chan eil fios agamsa dé a' reusan a th' air a' sin." Bha sin mar sin fhéin.
Cha robh ach seachdain na dhà ás a dheaghaidh sin, bha a' bhean agam a's an ospadal ann a' St, seann-St Rita's Hospital a' siud, 's bha mi a' coiseachd dhachaigh 's thàinig mi mu chuairt Crescent Street ann a' siud, aig a' phàirc. Dhia bhith agamsa. Chunnaic mi solast a bh' ann a' seo nuair—a' leantail George Street—agus ball de teine a bh' ann a' seo is nàdar do dh'earball air agus chum e suas George Street gus an dàinig e dh'ionnsaidh Argyle Street an uair sin a-mach, o, chanainn gu robh mar leth-cheud tròigh, na a leithid sin, os chionn an talmhainn. Agus a-mach Argyle Street 's an uair sin suas, dé mar a bheireadh tu e, chan eil e gu diofar, ach suas rathad a' chlaidh. Agus sin an aon dreag a chunnaic mise riamh, agus bha e car annasach gu faca mi dìreach seachdain an deaghaidh dha 'n fhear eile fhaighneachd dhomh dé a' reusan nach fhacas sian leis an gnìomh a's a' bhaile mhóir.
[JS:] Seadh.