Back to recordings

Manaidhean (pàirt a ceithir)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF253i05_254i01Nd MANAIDHEAN (PÀIRT A CEITHIR)


Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie


Ann am bliadhna 1952, bha mi 'n uair sin a' fuireach ann a' Suidni, a-muigh air ìochdar a' bhaile, ceann a-muigh Cottage Road. Agus bha mi 'g obair, a' cur suas taighe. Bha mi 'dol a reic. Agus bhithinn ag obair car anmoch. Agus an oidhch' a bh' ann a' seo, a-null deireadh November, oidhche car socair ceòthar. Bha i mu 'n aon uair deug agus thàinig a' bhean agam a-staigh agus thuirt i, "Gu dé, Archie, what's going on out in the ball field tonight?"
Arsa mise, "What are you talking about?"
"My God," ars' ise, "there are lights all over the place and people hollering. And they're hollering some names," ars' ise. "And what in the name of God," ars' ise, "would it be?"
Leum mis' a-mach co-dhiù, cha robh sian an t-saoghail, bha a h-uile pioc balbh samhach. Cha robh solas, cha robh fuaim sam bith. Agus thàna mi 'staigh 's thuirt mi rithe, "My God," arsa mise, "Katie, there's nothing outside."
"O well," ars' ise, she said, "it was there all the time that I was walking down." Far a robh an taigh, far a robh sinn a' còmhnaidh, bha, cha robh e glé fhad' air falbh.
Ach co-dhiù, an ath oidhche ás a dheaghaidh sin, bha mise a-muigh a's a' bhallfield, mar a bheireadh 'ad, còmhla ri feadhainn eile, le solast is le a h-uile sian ri coimhead airson dithist chloinneadh a bh' air chall. Agus bha 'ad a' fuireach thall air taobh eile na h-aibhneadh, bha Wash Brook. Agus chuir sinn seachad an oidhche a' siubhal 's a h-uile àite airson na cloinneadh a bh' ann a' sin. Ach, 's ann air làrna-mhàireach a fhuaradh 'ad bàthte ann a' bha àit' ann ris an canadh 'ad an clay pit far am biodh 'ad a' faighinn criadha airson obair an iarainn. Agus bha, o dìreach nàdar do luba a bha meadhanach domhain. Agus beagan do dheigh air uachdar. Chaidh 'ad air a' sin agus bha an dithist aca bàthte ann a' sin.


Archie MacKenzie
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 24 recordings Faic pròifil | view profile