GF253i05_254i01Nc MANAIDHEAN (PÀIRT A TRÌ) Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie [Archie MacKenzie:] Agus bha turas eile a chunnaic mi m' athair. Dìreach, tha mi 'g ràdh riutsa, bha e ceart cho follaiseach 's a tha mi 'gad choimhead-sa 'n-dràst'. A' bhliadhna a bh' ann a' siud, thàinig mathan mór mu 'n cuairt agus bhiodh e 'marbhadh chaorach 's bha daoine air an clisgeadh gu faigheadh e greim air am pàisdean 's gum biodh cuideigin air a spadadh 's bha a h-uile duin' a' bruidhinn air a' mhathan. Ach co-dhiù, latha a bh' ann a' seo, dh'amais gum b' e a' latha mu dheireadh o 'n sgoil a bha' ann. Agus an oidhche roimhe sin, bha té dha 'n chrodh nach dàinig dhachaigh. Agus bha cùram air m' athair mu deidhinn 's thuirt e riumsa nuair a thiginn dhachaigh ás a' sgoil, 's e latha mu dheireadh o 'n sgoil a bh' ann, agus bhithinn a' tighinn dhachaigh tràth, mu dheich uairean na a leithid sin. Thuirt e rium, "Nuair a thig thusa dhachaigh," os' esan, "theirig a-null—'s e Beinn na' Fairealach a bheireadh 'ad ris—agus bha luba mhór ann a' sin, sùil-chruthaich far an deachaidh beathaichean air àm agus nach b' urrainn tighinn ás gus a' rachadh a' slaodadh ás agus thuirt e rium a dhol a-null a' sin. Bha e fhéin ri obair rathaid shios aig, shios Pòn na Maiseadh, Benacadie. O bha sin ceithir na cóig a mhìltean. Agus, ach nuair a bha e 'dol a dh'obair a latha sin, ghabh e rathad goirid a-null Beinn na' Fairealach far na dh'iarr e orms' dhol a choimhead airson a' mhairt. Dé bha sin ach obair a rinn am mathan an oidhche roimhe sin. Mharbh e uan 's bha na lorgan aig' a's a h-uile àit'. Chuir seo a' leithid a' chùraim air m' athair. Agus bha e 'na foreman air an obair a bh' ann a' seo. Agus bha e leisg leis an obair fhàgail 's gum b' e gu robh 'ad an dùil ri cuideigin eile a chur 'na àite 's an duin' a bh' ann a' sin, thàinig naidheachd air choireigin dha dh'ionnsaidh 's b' fheudar dha dol dhachaigh. Agus air a thàilleibh sin, b' fheudar dha m' athair fuireach fad a' latha. Co-dhiù a-null mu dhà uair dh'fheasgar, bha mi 'gearradh chonnaidh mu dheidhinn an t-siteig. 'S thug mi sùil a-null a' latha ud, bha m' athair a' tighinn a-nall a' rathad agus, mar a tuirt 'ad, buicean beag fo 'achlais. Agus bha mi an deòghaidh maidean chonnaidh a thogail 's bha 'ad agam air m' achlais. Sheas mi a choimhead 's mi a' feuchainn ri dheanadh a-mach carson a bha e 'tighinn dhachaigh cho tràth. Agus nuair a bha e dìreach aig a' gheata, mu choinneimh an taighe, chaidh mi 'staigh. 'S thuirt mi ri 'm phiuthar, "Gu dé, carson a tha Papa 'tighinn dhachaigh cho tràth an-diugh?" "Dé tha thu 'g ràdh?" os' i. "Tha," ors' esan, "tha, tha e dìreach ann a' shiod," arsa mise. Agus aig àm sin, bha còir aig' a bhith dìreach aig an dorust. "Chan eil sgeul." "Tha," arsa mise, "tha e aig an dorust!" Choimhead mi, cha robh sgeul air. Ach an uair sin, mu dhà uair, mu shia uairean, chunna mi e a-rithist a's an aon dòigh. Agus am pairsail a bh' ann a' seo fo 'achlais. Agus nuair a thàinig e dhachaigh, a' chiad rud a dh'fhaighneachd e an d' fhuair mi bhó. "Fhuair," arsa mise, "nuair a thaìna mise dhachaigh, bha a' bhó aig an t-sabhal." "Ah, uill, 's ann orms' a bha 'n cùram an-diugh. Seo latha nach dìochuimhnich mise gu bràth," os' esan, "nuair a bha mise a' falbh a dh'obair 's a' mhadainn an-diugh, chunna mi far na rinn am mathan sgaid ann am measg dream do chaoraich a bha thall air Beinn na' Fairealach agus bha eagal mo bhàis orm," os' esan, "gu rachadh, gum biodh tusa aig a' mhathan." Agus dh'innis e dhomh cho uamhasach 's a chuir e seachad a' latha.