GF252i06 AILEIN, AILEAN, 'S FHAD AN CADAL Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan [Séist]: Hò rò hug a bhì o 'S e an tug a bhì nàile Hò rò hug a bhì o. Ailein, Ailean, 's fhad an cadal. 'S fhad o chàirich mi do leaba. 'S an taigh bàn bhos chionn a' chladaich. Fiach, a ghaoil, nach eil thu magadh. Chan eil an dràsd' tha mi agad. Mac Iain le còmhlan sunndach. Tighinn ga iarraidh na mnà ùireadh. Cuiridh an tuath air an glùin i.