GF249i05 ÒRAN A' MHATHAIN (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan Bàrd: Aonghus Caimbeul a' Mhonaidh | Angus Campbell Thànaig 'ad ás Uibhist, agus chaidh 'ad a-mach gu cùl Ceann a' Bhàighe, an t-àit' as an canadh 'ad Na Cùl a Deas. Rinn 'ad fearainn a-muigh ann a' sin cho math 's a b'urrainn dhaibh—geàrradh na coilleadh 's a' dèanamh àiteachan 's taigh logaichean aca 's a h-uile sian. Seo seann daoine—cuideachd mo mhàthar. OK, bha beagan do chaoirich 's crodh aca, 's thòisich na mathain air tighinn—mathain no bear—'s bhiodh 'ad a' goid nan caorach. Uill, bha e gu math tough; cha robh gunn' aig duine beò mun cuairt an uair ud—dà cheud bliadhna. Ach bha fear ann ás a' mhonadh ris an canadh 'ad Raghnall Òg. 'S dh'fhalbh e 'mach gu Salmon River dh'a chois—deich mile tha mi cinnteach—cross am monadh bho 'n Cùl a Deas gu Salmon River. Agus fhuair e gunna a-muigh ann a' siod. Agus thuirt e ri'm shìn seanair, ars' esan, "Faigh thusa na nàbannan mun cuairt agus dèan faing dha na caoirich taobh an t-sabhail 's cuir na caoirich ann 's bidh mis' aig an taigh feasgar 's bidh gunn' agam." Bha sin all right. Chuir 'ad na caoirich 's a' chrò na faing, na b' e dé chanas tu ris. Thànaig Raghnall Òg am beul na h-oidhcheadh, agus gunn' aige. Bha 'ad a-staigh 's thug 'ad a' chòinneach ás na logaichean—bha 'ad a' feitheamh air a' mhathain. Ach mu dheich uairean thòisich na caoirich air éibheachd 's air a' dol ás an ceann—oidhche gheal ghealaicheadh. Choimhead 'ad a-mach 's bha am mathan 's a dhà chas air an fheans 's e dol a dh'fhaighinn dha'n fhaing—a' dol a mharbhadh nan caorach, té dhiubh co-dhiubh. Leig Raghnall Òg [briosg?] leis 's chuir e fairis e, is mharbh e e. Chuir e dà bhullets ann—cha n-e bullets a bh' ann an uair sin, chan eil fhios dé bh' ann—ach mharbh e am mathan co-dhiubh. Agus duine, Aonghas Caimbeul a' Mhonaidh, am bàrd, 's e rinn e òran dhaibh. Agus chan eil agams' ach ceithir ceathramhan dheth, ach tha e feumail is tha e dà cheud bliadhna a nist, Iain. Gura mis' tha fo mhìghean, 'S mi 'nam shìneadh 'sa lòn; 'S mi cho teann air taigh Mhìcheil, Ag éisdeachd pìobadh MhacLeòid. E fhéin 'na thòireadh 's 'na dheannaibh, Tighinn 'gam fheannadh 's mi beò; Ma thug mi bhuaithe-san gamhainn Cha robh e reamhar gu leòr. 'S e Raghnall Òg leis na caran A rinn mo mhealladh ron àm; Nuair dh'fhalbh e 's a' mhadainn, Bu mhór aisling mu'm chall. Cha bu chòir dha bhith gearain Nach tug mi a' bhean bhuaidh' 's a chlann; Ach ma chaidh mi dha 'n bhàthaich 'S daor a phàigh mi g'a chionn. Truagh nach mise bha dlùth riut Nuair chaidh a' fùdar 'na cheò; Nuair a thog thu ri d'shùil i B' e do dhùrachd mo leòn. Gun tugainn ort leis na dubhain Mhóra dhubha nam spòig; Gun geàrrainn dhìot-sa na làmhan Air do chnamhan is fheòil. Gura mise tha fo mhìghean 'S bochd m'uirsgeul ri sheinn; Truagh nach robh mi trì mile bhuat Mun d' dhìrich thu 'bheinn. Le'd ghunna dùbailt 's le'd chrios Mharbh thu mise le foil; 'S ann le solus na gealaich' A thilg thu fairis mi a-raoir. Shin agad a nist ceithir ceathramhan a rinn Aonghus Caimbeal a' Mhonaidh. Rinn e òran—ceithir ceathramhan. "'S ann le solus na gealaich' a thilg thu fairis mi a-raoir." Mharbh e am mathan. Fear mór gàbhaidh, tha teans'!