GF247i05 ÒRAN A' CHUPA Beulaiche: Iain Ruairidh Mhìcheil Steabhain Ruairidh 'ic Dhòmhnaill Òig | John Rory MacNeil Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Eóghann Eàirdsidh Sheumais Dhòmhnaill 'ic Eachainn | Hughie MacKenzie | Hugh Francis MacKenzie [Séist]: Cupan ùr, bòidheach ùr, 'N cupan ùr 's tu air m' aire 'N cupan ùr, bòidheach ùr, Gur e mùirneach thu agam 'S leam bu mhiann air madainn fhuair Suidhe suas ris an teallach 'G aidhseachadh do chruth 's do shnuadh Greis mun ghluaisinn gu 'n t-sabhal Nuair a gheibh mis' am bàs Théid mo chàradh fo 'n talamh Cuiribh leac aig mo cheann 'S cupan ùr aig mo chasan