GF246i03 AN T-SABAID AIR OIDHCHE SHAMHNA Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bard: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean [Joe Allan MacLean]: Bha dithist do ghillean òg a bha shuas againn agus air Oidhche Shamhna shabaidich 'ad. Ghabh 'ad—bha dileag aca is dh' fhàs 'ad car rough ri chéile. Agus 's e fear aca, 's e, [cuimseach?] coltach gur e innseanach a bh' ann á Eskasoni. Agus Stephen Simon an t-ainm a bh' air an innseanach. Ach 'se John D. an t-ainm dòigheil a bh' air a' ghille a bha seo, bhite coltach e ris an innseanach. Uill, nach robh na gillean laghach gu leòr, mar sin ged a thachair rudeigin is dh' fhàs 'ad crosda ri chéile. Agus bhuail 'ad co dhiubh air a' chéile is chuala mis' a siud ['s theann mi air?]. Thuirt mi ri fear aca, "Tha mi 'dol a dheanadh ceathramh do dh' òrain dhe sin." "Rud nach rachadh agad," ars' esan, fear aca "air a dheanadh," thuirt esan. "Chan eil fhios 'am," [ars' an Innseanach do dithis?]. Cha robh mise ach airson a bhith ach a' cuir na feirge orr', spórs bhith agam fhìn na leithid. Bheil thu fhéin deiseil? [John Shaw]: Tha [Stad a-nist ach an cuir—?] a Dhia cho doirbh 's a [?] fonn idir air. 'S tìm dhomh teannadh air òran A chur air dòigh dha na fearaibh Gur e Steaphan agus [Benedict?] Air Oidhche Shamhna a tha mi 'cantail Sheas 'ad mu choinneamh a' chéile Thug 'ad na gleusaidh ud seachad Gur a thall aig àite Dhòmhnaill A bha an còmhradh aig na fearaibh Siud far na robh a' chulaidh-uabhais An uair a ghluais 'ad gu chéile Bha faclan aca a bha saucy, Cuid dhiubh an Gàidhlig, is pàirt dhiubh am Beurla Gur robh Steaphan, 's e cho diumbach 'S bha anns an Innsean ag éigheachd [Da liom thu gu monachainn ?] Idir ri Stephain bheir thu fhéin às ...agus chaidh mi ceàrr ann a' siud— 's e "bhànrighinn" a bhiodh 'ad ag éigheachd do mhàthair Steaphain seo, fhios agad. Far ainm oirr'. Gun deach fios a-mach dha 'n bhànrighinn Air a fear an t-àite a dh' fhalbh ri [each?] Chruinnich a' réiseimeid làidir [Air sàilleabh/air sàile, bha?] a' long as cianail [Drubanan/trooperan ?] a' tighinn dha 'n àite Los gu laighich far a' chliathaich Gus na réitich 'ad am blàr A bh' aig na tràillean 's a bha ìochdrach Gu robh Dòmhnall an taobh shuas dhiubh 'S an cù ruadh le h-àl ga leantail [?] Rinn e faclan ann am Beurla, rinn 'ad éisteachd ris is [?] Thàinig e, leag Eachainn Sheumais Thug e éibh ás is e a' sgreumhail Gun leig a' ghealach is [?] na speuran Tha 'ad [?] thall a' bhragaidh Rudeigin dòigheil a chuir mi fhìn ri chéile dheth.