Back to recordings

Na Trì Snaoimeannan

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF245i06_246i01 NA TRÌ SNAOIMEANNAN


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Fear a bha thall a's an t-seann dùthaich agus bha e 'falbh còmhla ri ban-sìtheanach, agus bha feadhainn a' comhairleachadh dha e 'ga seachnadh, nach robh e ceart a bhith a' falbh còmhla rithe. Agus chaidh e gu boireannach a bh' ann a' sin, agus thuirt a' bhoireannach ris, "Chan eil," ars ise, "an còrr plan agad air a' fàgail," ars ise, "ach aona phlan."


"Seadh," ars esan.


"Creic," ars ise, "a h-uile sgath as d'fhiach an t-saoghail, a-bhos air an taobh seo," ars ise.
Is tha mi cinnteach nach robh sin mór a's an àm. "Agus," thuirt ise, "theirig cross," ars ise "a Cheap Breatainn," ars ise, "cross an cuan." Mar a bha 'ad fhéin, an Cuan Barrach. "Agus," ars ise, "tha i 'tighinn ann a' seo a-nochd," ars ise, "agus i dol a dh'fhuireach ann a' seo," ars ise, "a' bhan-shìtheanach tha sin," ars ise, "Agus," ars ise, "Tha i 'dol a dh'fhuireach ann an seo a-nochd, a' bhan-sìtheanach tha sin," ars ise, "is tha i 'dol a dh'fhalbh moch 'sa mhadainn. Agus tha i bound air gun toir i leis thu," ris a' ghille bha seo. "Ach a' rud a nì thu," ars ise, "creic na 's d'fhiach thu an t-saoghal a-nochd dìreach ann a' seo," ars ise, "Is tog rith' a-màireach," ars ise, "tràth 'sa mhadainn agus bheir mi fhín ribean dhut-sa," ars ise, "agus trì snaoimeannan air. Nuair a ruigeas tu an cladach," ars ise, "fuasglaidh tu fear dha na snaoimeannan," ars ise, "Agus," ars ise, "Tha bàta beag aig a' chladach 's their thu leat e. Agus a-mach pìos," ars ise, "Air an uist' (uisge)," ars ise, "Fuasglaidh tu an dàrna snaoim 's bidh soirbheas breàgha, fair agad," ars ise, "cha bhith thu fada a' dol chross. Ach air na chunna tu riamh," ars ise, "air na chunna tu riamh," ars ise, "Feuch nach fhosgail thu an treas snaoim, airneo dùistidh (dùisgidh) ise," ars ise.


Seo a' rud a bh' ann, co-dhiù. Chreic e a h-uile sian a b'fhiach e an oidhche sin, 's tha mi cinnteach nach robh sin mòran—aona seann chliath a bhiodh aige, a' cliathadh an talmhainne.


"O," thuirt e ris fhéin, "Cha d'fhiach—cha dean i sgath leis a' rud ud co-dhiù, tha i 'tuiteam ás a' chéile."


Bha sin all right co-dhiù. Gu math tràth, dhùisd (dhùisg) an té a bha 'staigh an gille a bh' ann a' sin is thuirt i ris, "Bi clìoradh," ors ise.


Ghabh e sìos gu 'n chladach is shuidh 'ad 'sa bhàta is bha fear eile còmhla ris. Leig e—dh'fhuasgail e snaoim. Is ma dh'fhuasgail, bha soirbheas aig' a-mach cho breàgha is a dh' iarr e. A-mach leathach, dh'fhuasgail e snaoim eile. Ah, bha soirbheas seòlaidh ac' a bha breàgha fhéin. Ach bha 'ad a' casadh a-staigh gu'n chladach is thuirt an dala fear ris an fhear eile, "Nach biodh e math dhuinn an trìtheamh snaoim fheuchainn feuch dé tha dol a thachairt?" Dh'fhuasgail e an trìtheamh snaoim 's chaidh am bàt' a thogail às an uist' (uisg') is land e air bàrr clifft a bh' ann, e fhéin 's 'ad fhéin. Agus dh'fhalbh 'ad, shàbhail 'ad all right.


Ach dhùist (dhùisg) ise. Bha 'ad a' seasamh aig a' chladach. Chunnaic 'ad ise tighinn 's i na suidhe air a' chliathaidh a bha seo, a chliath a bha a' tuiteam ás a chéile aig a' chladach. Sin an dòigh 'san tàinig i cross, chuir i crìoch air aig a' chladach. Mharbh i e. Nam biodh e 'n déidh an seann chliath a chuir air falbh, bha 'ad air sàbhaladh all right. Ah, bha poidhle do rudan neònach ann.



Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile