GF244i09_245i01 RAGHNALL MÓR NAN CABAR Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bha siud ann roimhinn, mu ta—leth sheann duine agus cha robh duine a' fuireach còmhla ris ach e fhéin agus a bhean. Agus bha 'ad ann an àite bha, bha e fad' o dhaoine. Agus cha robh ann ach duine bochd agus bhiodh e a' tarraing a' chonnaidh dhachaigh air a mhuin. Cha robh a bheag do chothrom an t-saoghail aige, ach bha e na dhuine gasta, còir, agus neo-ar-thaing nach robh e làidir. Là—agus bha, bé ge dé a' fasan neònach a bh' aige, h-uile duine a mharbhadh fiadh, bha e airson cabair a bhiodh air an fhiadh fhaotainn. Gun robh feum aige orra, agus ma bheireadh 'ad dha na cabair agus cha do dh'éibh 'ad riamh dha ach Raghnall Mór nan Cabar. Ah, là bha seo, co-dhiù, bha e 'tighinn dhachaigh agus ultach connaidh air a' mhuin às a' choillidh agus chunnaic e dithist do dhaoine a' tighinn na choinneamh agus fear aca gu math sean agus a' fear eile, cha robh e buileach cho sean sin agus nuair a thàinig 'ad goirid do Raghnall Mór nan Cabar, bhruidhinn e riuthcha (riutha). Bhruidhinn 'ad ris. Dh'fhaighneachd an seann fhear dheth, "a bheil thu 'gar n-aithneachadh?" ars esan. "Chan eil mi, gu dearbh fhéin," ars esan, Raghnall Mór. "Mise," ars esan, "Do sheanair, agus esan”, ars esan “D' athair". Chan fhaca e athair riamh roimhe siud. "Agus thàinig sinn airson bruidhinn riut." "Uill," ars esan, Raghnall Mór, "dh'fhaodadh sibh bruidhinn riumsa gu dearbha." Agus "Uill fiach nach gabh thu cùram no eagal, ars àsan. "O, cha ghabh," ars esan. "Tha thu 'tarraing a' chonnaidh sin air do mhuin 's tha thu air thu fhéin a mharbhadh," ars esan—esan, a sheanair, ris. "Agus, tha an t-àm agad stad dheth." "Gu dé mar a tha thu a' smaointinn a stadas mi e", "cò thàirneas an connadh?" ars esan. "Uill," ars esan, "Tha nàbaidhean agad, agus theirig thusa thuc' agus bruidhinn tu riuthcha (riutha) an toir 'ad là dhutsa a' gearradh a' chonnaidh agus 'ga phoidhleadh 'sa choillidh agus gheibh thu sin—tàrnaidh 'ad a' sin dhut e." "Ah," ars esan, Raghnall Mór, "Chan eil fhios agam an tarraing." "Uill thalla thusa is deàn thus' a' rud a tha mise 'g iarraidh," ars esan, an seann fhear. Ach dh'fhàg 'ad. Agus ars esan, "Théid thu," ars esan "gu 'n chraobh mhòr sin," ars esan, "an taobh shìos dha 'n taigh agad. Tha i dà cheud troigh," ars esan, "Dà cheud slat," ars esan, "an taobh shìos dha 'n taigh agad. Chan eil craobh a' seo an uiread dhi, agus tha buideal do dh'airgead an tìodhlaigadh air an taobh ìseal dhi," ars e. "Théid thu ann a' sin mu ceithir uairean 'sa mhadainn, no mu thrì uairean 'sa mhadainn, agus togaidh tu 'm buideal is bheir thu dhachaigh e. Cha ruig thu leas an uair sin a bhith a' tarraing chonnadh air do mhuin." "Bheil thu a' smaoinntinn," ars esan, "Gu bheil a leithid sin a bhuideal ann?" "Tha mise cinnteach ann," ars esan, a sheanair, seann fhear. Ach co-dhiù, dh'fhàg 'ad beannachd aig’ agus thàinig e dhachaigh is dh'inns e dha 'n a bhean co-dhiù a rud a bha. "Ah," ars ise, "Thusa a shlaightire bhochd," ars ise, "a toirt géill dha na chluinneas tu mu sin. Nach eil fhios agad nach eil airgead an tìodhlaicheadh a' siud," ars ise, " 'S cha mhò," ars ise, "'S e do sheanair no d' athair a tha sin." "Ah," ars esan, "Cha toir mi feart dé bheir thusa cuideachd," ars esan, "ach tha mi 'dol a dh'fheuchainn aig a' chraoibh 'sa mhadainn a-màireach." Ach bha sin alright co-dhiù, mu cheithir uairean, 's ann mu thrì 'sa mhadainn a màireach fhuair e deiseil agus chaidh e a-mach gu'n chraoibh agus thug e leis dòigh airson gun cladhaicheadh e an talamh agus chaidh e sìos beagan throighean, bhuail e beul a' bhuideal. Ah, chòrd siud ris gu math. Agus chuir e ìnean 'sa bhuideal agus dhragh e a-nuas e, agus chaith e air a mhuin e. Agus thug e dhachaigh e. "Seo," ars esan, "Cò," ars esan ris a bhean, "Tha mise ceart, no thusa. Nach do dh'inns 'ad an fhìrinn." "O tha mi 'faicinn," ars ise, "Gun d' fhuair thu rud a dh'iarr 'ad ort co-dhiù." "O a dheagh fhuair. " Ach làrna-mhàireach na 'n- earar co-dhiù, chaidh e air feadh na nàbaidhean a bh' aige agus thuirt e riuthcha (riutha), ceathrar aca, a thighinn còmhla ris a ghearradh chonnaidh is gum pàigheadh e an t-airgead dhaibh. Ghabh iad iongantas fuathasach, cà' 'n d' fhuair esan an t-airgead cho pailt siud 's e na dhuine cho bochd 's a bha e nach biodh e ach a' tarraing a' chonnaidh air a mhuin. Thàinig ceathrar aca là a bha sin co-dhiù, is bha—thug 'ad fad a' là a' gearradh chonnadh dha. "'Màireach," ars esan, "Thig a ceathrar agaibh a-rithist," ars esan. "Agus thig sibh a' ghearradh a' chonnaidh." "Thigeadh." Thàinig 'ad co-dhiù is thug 'ad fad a' là a' sin a' gearradh chonnaidh. Is gheàrr 'ad poidhl' uamhasach do chonnadh dha is phoidhle 'ad e 's a choillidh. "Màireach," ars esan, "An fheadhainn aig a bheil eich agus sleidhichean agaibh, thig sibh a-màireach," ars e, "Agus tàrnaidh sibh a h-uile bior dheth siud dhomh-sa, pàighidh mi an t-airgead dhuibh." Thàinig 'ad 's tharraing 'ad a h-uile bior dheth 's chuir 'ad poidhle mór air an t-sitig aige do chonnadh co-dhiù, agus bha sin, bha sin all right. Ach co-dhiù thàinig 'ad agus tharraing 'ad a h-uile bior do chonnadh agus phoidhle 'ad air an t-sitig e agus cha robh car aige ri dheànamh. Là dha na làthaichean thuirt e ris a' bhean, "Uill," ars esan, "'Eil fhios agad gu dé tha mi 'smaoinntinn air?" ars esan. "Ach fhalbh thuca seo shìos agus bàt' ùr," ars esan. "Fhasdadh bhuaibhcha (bhuaibh)," ars esan, "A bheir air falbh sinn agus gun rachamaid a-null a' Ghleann nam Feannag a choimhead air ar càirdean." "Tha mise glé dheònach," ars ise. "A dhol a' sin," ars ise, "Tha leithid a dh'ùine nach fhaca mi duine dha 'm dhaoine co-dhiù," ars ise. Agus chaidh e sìos agus ràinig e far a' robh 'ad a' deànamh nam bàtaichean agus dh'òrdaich e bàt' ùr. Sin an fheadhainn a ghabh an t-iongantas uile gu léir, cà 'm faigheadh e airgead a phàidheadh am bàta. Thuirt iad gun deànadh. Gum biodh e deiseil air a' leithid seo a' là. Nuair a thàinig an t-àm, chaidh e sìos agus co-dhiù fhuair e am bàta deiseil agus phàigh e a-mach am bàta agus thàinig e dhachaigh co-dhiù. Agus thuirt e ris a' bhean, "Seachdain an-diugh," ars esan, "Bidh tusa deiseil 's théid sinn a Ghleann nam Feannag a null." Fhuair 'ad deiseil agus dh'fhalbh 'ad ach bha còig mìle do dh'aiseag aige ri dhol. Ràinig 'ad co-dhiù, thall Gleann nam Feannag agus chaidh 'ad a choimhead air an càirdean ann a' sin agus thug 'ad seachdain thall ann a' sin agus bha an càirdean airson an fuireach—gum fanadh 'ad còmhla riutha na b' fhaide, ach chan fhanadh. Gu dé dh'amais dhaibh co-dhiù ach tighinn dhachaigh an oidhche sin thàinig 'ad dhachaigh. O, bha, bha rud-eigin a cantail ris a' bhean, "Tha cuideigin 'dol a bhristeadh an doras, chuala mi manadh aig’ a 'raoir." "Chan eil," ars esan, "Duine dol a thighinn a-staigh a' seo." Uill a dh'oidhche co-dhiù, chaidh an dorast a bhristeadh a-staigh 's nochd dithist do dhaoine mòra làidir a-staigh agus thuirt fear aca ris, ri Raghnall Mòr, "Tha airgead a dhìth oirnn." "Uill," ars esan, Raghnall, "'S ann 'ga iarraidh, is chan ann ga fhaighinn. Chan eil airgead agamsa dhomh fhín." "Tha fhios againn," ars esan, fear aca, "G 'eil airgead agad 's feumaidh tu thoirt dhuinn." "Chan fheum mi thoirt dhuinn (dhuibh)," ars esan. Ach bha e, Raghnall Mór, bha e na dhuine tough 's bha e làidir. An ceann spell, co-dhiù, thuirt a' bhean riuthcha (riutha), bean Raghnaill Mhòir riu', "Thallaibh a-mach, 's e as fheàrr dhuibh." Chan e àsan a rachadh a-mach do dhuine sam bith. Choisich i a-null agus fhuair i maide caol, cruaidh agus choisich e null agus dh'fheuch i air fear aca mu 'n cheann e agus leag i e. Agus shlaod is bhreab i fear eile amach ‘s bhreab Raghnall Mór an dàrna fear, bhreab 'ad a-mach 'ad 's dhùin 'ad an doras co-dhiù. Làrna-mhàireach co-dhiù, ‘air a dhùisg 'ad, dh'éirich 'ad is bha fear aca marbh amiugh aig an taigh. "A Dhia," os ise, "Gu dé tha sinn a' dol a dheànamh?" "Cha deàn dad," ars esan. Chuir 'ad fios mun chuairt gu' robh am bodach a bha siud marbh co-dhiù aig an taigh, 's thàinig daoine dha 'n luchd-ceart a choimhead feuch gu dé a bh' ann 's a h-uile sian. Agus fhuair 'ad meas mór airson an job a rinn 'ad orra, gun do mharbh 'ad 'ad. Bha 'ad a' cur call air daoine 'siud 's a' seo 's trioblaid, sin mar a chuala mis' i. Cha robh i ach goirid. Bha roinn eile oirre ach chan urrainn mi cuimhneachadh oirre.