GF243i02N AM FEAR A CHUIR AM BÀS 'SA PHOCA Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie [Dan MacKenzie]: Bhiodh e 'robaireachd, 's a' goid, a' mearlaireachd, 's cha robh e 'creidsinn ann an lagh no ann an sgath. Ach a' traveleadh 's a' goid 's a bristeadh - 's droch dhuine a bh' ann, cha robh creideamh no seud aige, a h-uile rud na bu mhiosa. Sin nuair a fhuair e 'm bàs, a chuir e a's a' phoc’ e, agus nach robh duine ag eugachdainn, bha e a' deanamh trioblaid mhóir. Sin an toiseach a bh' aice. [John Shaw]: 'S e. [DMK]: Uill, fhuair thu an còrr dhi. [JS]: Cha d' fhuair. [DMK]: Cha do chuir thu sìos idir i? [JS]: Cha do chuir. [tape cuts] [DMK]: Cha robh creideimh no lagh no seud, ach goid is mèirle is murt is a h-uile rud a ghabhadh deanamh na bu mhiosa na chéile. Agus bhiodh 'ad - cha robh lagh air. Agus là bha seo fhuair e greim air a' bhàs. Chuir e a's a' phòc' e. Chaidh e 'mach air chùl na beinne fad air falbh, is chroch e 'm poca 'sa chraoibh, 's am bàs ann. Cha robh duine ag eugachdainn. Cha robh duine ag eugachdainn. Mu dheireadh bha 'ad a' fàs cho sean, bha na sròinean aca a' suathadh as an talamh, bha 'ad crom, cha robh duine ag eugachdainn. Agus chatch 'ad on air-san gura h-e rinn e, bha e cho dona co-dhiù. Gura h-e bu choireach ris a' seo. Chaidh 'ad as a dheaghaidh. Rug 'ad air. "Chuala sinn” ars asan ris “gun do rug thu air a' bhàs agus gun de chroch thu a's a chraoibh e a's a' phoca." [do dh'Iain: Bheir leat candy, take a candy]. Sin as coireach nach eil duine ag eugachdainn." "Cha do rug mise air bàs," bha e ag argaman nan aghaidh. Mhaoidh ‘ad a bheath’ air an uair sin?" Thuirt 'ad ris. "Marbhaidh sinn thu." Uill dar a chual’ e sin, "Alright, tiugainnibh." Dh'fhalbh 'ad. A-mach dha 'n mhonadh, fad air falbh. Chaidh e suas a's a' chraoibh. Thug e a-nuas am pòca, agus thànig am bàs a-mach ás, bha e gu math tana, skinny, cha robh greim air cnàimh dhe 'n bhàs, tha teans, an ùine a bha e 'sa phoca. Agus leig e ás e. Ach a Mhoire Mhàthair, start na daoine air eugachdainn, ‘s air eugachdainn. Bha 'ad ag euguachdainn. Mu dheireadh cha ghabhadh 'ad tìodhlachadh, bha na h-uiread ag eugachdainn. Agus 'n uair sin, thàinig am bàs air fhéin. Chaidh a-null an uair sin chun an t-saoghal eile. Nuair a chunnaic Our Lord, nuair a chunnaic E e “ thalla, thalla” ars Esan “ glan amach, cha bhith gnothach na cuid sam bidh Agam gu brach riutsa, bidh falbh!, bidh falbh! tha thu cho dona!” Sin an Jack the Lantern a tha air feadh an t-saoghail. Thug 'ad an t-ainm air, Jack the Lantern. Bhiodh sinn ga fhaicinn shuas am Benacadie bho chionn fada, cha robh mis' ach òg. Agus Alasdair na Maitseachan thall, bhiodh 'ad ga fhaic', oidhche cheòthail, dhorcha, chìtheadh tu an solas, chuala mi an t-ainm, Jack the Lantern. Sin an duine. Is bha e fhéin is Jack Frost an uair sin a' traveladh còmhladh, am bheil thu a’ faicinn?. Jack Frost, agus Jack the Lantern. Uill, sin mar a chuala mise i.