Back to recordings

Nighean na Droch-Mhàthar

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF242i03_243i01N NIGHEAN NA DROCH-MHÀTHAR


Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie



A bheil thu deiseil? Uill, ars' esan, trup a bh' ann bha athair 's an gille a' fuireach còmhla. Agus bhiodh am bodach a' còcaireachd, cha robh boireannach idir as an taigh. Agus an là a bha seo, bha am bodach a-muigh a' sìolachadh an uisge anns a bheil am buntàta, bha e bruich, 's loisg e a chasan. Thàinig e a-staigh. Chaidh am bogsa buntata an-siud, a' phoit buntata.
"Feumaidh tu," ars' esan, "boireannach fhaighinn an-seo. Tha mise," ars' esan "uallamh dhen obair seo. Loisg mi mo chasan."
Thuirt an gille, "Tha boireannach a' fuireach pìos gu uachdar." B'aithne dhan bhodach i 's b'aithne dhan gille i. Bha am màthair, 's a nighean, 's an duine aig a' chailleach, bha 'ad a' fuireach. Theireadh 'ad ris a' bhoireannach, Nighean na Droch-mhàthar. Theireadh 'ad ris an nighean. Teansa gun robh màthair dhoirbh aice. Bhiodh am bodach aice ceangailte sa' chrann a-muigh, 's e draghadh a' chruinn, [an deoghaidh dha?] a bhith treobhadh. Teansa gun robh i gu math dona dha, agus doras a dhùnadh. Bha i gu math, math dona dha.
"Feumaidh tu falbh," ars' esan, " agus gheobh thu i."
"Uill, uill," ars' an gille, "dé mar a—"
Air là 'r na mhàireach dh'fhalbh an gille agus chuir e diollaid air an each, 's thug e leis cù. Dh'fhalbh e. Sin an dòigh traveleadh an uair ud, air horseback.
Dar a ràinig e an taigh, bha am bodach a-muigh 's e ceangailte 'sa chrann. Agus a bhean ga dhraibheadh, agus tha e teansa gun robh e faighinn hard times eagallach, b' àbhaist.
Dh'fhalbh a bhean dhachaidh. Thuirt an gille ris, "Nach ann agad a tha an obair eagallach?"
"O feumaidh mise seo a dhèanadh. No bidh mi—their 'ad mo bheatha dhiom. Tha an nighean agam pailt cho dona."
Thuirt am bodach ris a' ghille—thuirt an gille ris, "Thàinig mise a dh' iarraidh na h-ìghne agad ri pòsadh."
"O," ars' am bodach, gun gnothach."Uill, an toir thu dhomh an nighean?" " Bheir," thuirt am bodach. "Ach ma chanas mise gun toir tha 'ad nam aghaidh cho fada. Canaidh 'adsan nach tabhairt, canaidh a' bhean nach tabhairt."
"Uill alright," ars' esan, an gille, "aig àm na suipearach, dar a bhios sinn nar suidhe aig ar suipear, gheobh esan ás a' chrann—gheibh mise ás a' chrann aig sia uairean, leigidh i ás mi. Bidh an là seachad."
Bidh sinn nar suidhe aig bòrd na suipearach. Faighnich thusa dhi-se, dha 'n bhean, am faigh thu a' nighean ri pòsadh. 'S cha dean math dhomhsa a chantail gum faigh. Canaidh 'adsan nach fhaigh. Tha 'ad nam aghaidh cho fada. Can thusa—canaidh mise "Cha toir mise dhut an nighean, gu dearbha fhéin," thuirt am bodach. 'S canaidh 'adsan an uair sin, a' bhean, gum faigh thu i. Seo mar a gheibh thu i.
"Alright".
Agus, àm na suipearach, co-dhiù, bha 'ad ag ithe suipearach. Dh' fhoighnich an gille mu dheidhinn na h-ìghneadh. Dh' fhaighnich e dha 'n bhodach. Thuirt am bodach,
"Cha toir mi gu dearbha fhéin dhut an nighean."
Leum a' chailleach suas,
"Their, their, their, their, their, their sinn dha an nighean. Gheibh thu an nighean. Is tusa gheibh."
Is thuirt an nighean fhéin, "Gheibh, pòsaidh mise thu."
"Alright". Bha sin seachad.
Chaidh am pòsadh a chuir through. Air là 'r na mhàireach, bha 'ad a' fàgail. Agus chaidh ise a's an diollaid còmhla ris, is bha an cù còmhla ris. Bha flood mhór ann an oidhche roimhe sin, is thug i na drochaid air far na highway. Agus cha rachadh an t-each seachad, bha an drochaid gone. Bha gunna aigesan cuideachd, revolver, 's an cù.
Thuirt e rithe, "Thig a-nuas far muin an eich".
Thàinig i 'nuas far muin an eich. Thuirt e ris an each a dhol seachad, 's cha rachadh an t-each seachad. Rug e air a' ghunna is loisg e air an each. O seadh, dar a bha 'ad a' fàgail, dhiochumhnich mi—dar a bha 'ad a' fàgail, thug ise trì slacan dhà, air a dheanadh air fiodh. Slacan beag, 's a slacan an uair sin nas motha, 's a slacan mór. Is thuirt e—thuirt i ris, thuirt a' chailleach ris a' nighinn,
"A' chiad rud a dh' iarras tu air an duine a dheanamh, mura dean e e, feuch a' slacan beag air. Càraich e le slacan beag. 'S mura a dean an slacan beag an gnothach—bha Migi MacDougall ag éisteachd ris—feuch an ath shlacan, a tha nas truime. Agus mura dean an dala fear an gnothach, nì an trìtheamh fear an gnothach."
"Alright".
Bha fios aigesan gun robh na slacan aicese. Chual' e seo. Ach cha do dh' inns e dhith. Cha rachadh an t-each seachad. Thuirt e, "Trobhad a-nuas." Thàinig ise 'nuas, ruig e air a' ghunna, is loisg e air an t-each.
"O my, my," ars ise, "carson a rinn thu siud?"
"Siud," ars esan "mar a nì mise air a h-uile creutair nach toir feart orm." Tha thu 'tuigsinn, bha seo dol aice, tha thu 'tuigsinn. "Té sam bith nach toir feart orm, 's e siud mar a nì dhith."
Chaidh 'ad seachad, bha an cù còmhla riutha 's bha 'ad a' coiseachd. Chunnaic 'ad bunch do chaoraich. Thug an cù a-mach an deaghaidh nan caorach. Dh'éibh esan air a' chù, is dh' éibh e, is cha do leig an cù feart air, air tilleadh. Is dh'éibh e, is dh'éibh e. Dh'fhalbh e na ruith an deaghaidh a' chù. Dar a ràinig e far an robh an cù, cha toireadh an cù feart air tilleadh. Dh' fhalbh e is rug e air a' ghunna is loisg e air.
"Carson," os ise, "a loisg thu air a' chù?"
"Siud," os esan "mar a nì mise air a h-uile creutair nach toir feairt orm." Agus dar a loisg e air an each, dar a loisg e air a' chù, dh' fhalbh ise. Is rug i air an t-slacan bheag a bha ann am parcel aice. Is chaith i bhuaip' e, chaith i bhuaip' e.
Agus chum 'ad romhpa. Dar a ràinig 'ad an taigh. Chaidh 'ad a-staigh, is bha 'ad mun cuairt. Bha am bodach - bha 'ad a' faighinn air adhart all right. Ann an ceann [?] do dh' ùine, seachdain no dà sheachdain, thuirt a màthair gun rachadh i 'coimhead oirre, ach dé mar a bha i 'faighinn air n-aghaidh. Agus ràinig a màthair.
An oidhche sin co-dhiù, chaidh an duine 'mach ás an taigh - bha porch ann ris an taigh. Chaidh e a' falach a's a' phorch. Agus start an nighean air innse an seòrsa duine a fhuair i, mar a rinn e air a' chù, 's mar a rinn e air an each. 'S chaith mi," os ise, "na slacain bhuam" os ise. Chanadh e, thuirt e ris a' chù,
"Creutair sam bith nach toireadh feart orm, 's e siud mar a nì mi air. Loisg e air a' chù. 'S loisg air an each."
"O my, my," os a' chailleach. "Chan eil sgàth feum annad idir idir idir idir."
"Uill," os ise, "Ghabh mise an t-eagal. Chaith mi na slacain bhuam." Fhios agad, bha na slacan aicese. "Chaith mi—"
"Carson a chaith thu bhuat na slacain?!"
Bha 'ad a' bruidhinn co-dhiù. Thuirt a' chailleach,
"Théid mise dhan leabaidh agad-sa 'nochd. Is theirig thusa ann an leabaidh eile. Caidilidh mise còmh' ris an duine agad a-nochd. Agus stad thusa," os ise, "fixidh mise e. Cuiridh mise ás dha."
Chaidh a' chailleach ann an leabaidh co-dhiù, far an robh 'àsan a' cadal, an duine 's a bhean.
Dh' fhalbh ise 's phush i 'nall gu beinge na leabadh, cho fad 's a b' urrainn dhi, ris an taobh bha esan a' dol a-staigh. Tha teansa gun robh an tòn aice gu math reamhar, foghaineach. Chuir i 'mach a tòn air feadh na leabadh. Leig i oirre gun robh i na cadal. Oir bha fhios aigesan air seo, dé bha 'dol air n-aghaidh. Thug esan dheth aodach is thuirt e rithe, bha esan—ma 's fhìor 's e a' bhean aige a bh' ann—
"Push a-null." Cha do fhreagar i idir. "Push a-null." Cha do fhreagair i idir. Agus dh' fhalbh e 'n uair sin, an trìtheamh trub, "Push a-null."
"Cha phush."
Dh' fhalbh e 'mach ás an taigh, fhuair e glove is chuir e air i. Is gheàrr e ceithir srannaichean no còig do bharb wire mu fhaid siud. Chuir e glove air. 'S thàinig e 'staigh. Is choisich e 'null dhan leabaidh. Thug e an t-aodach suas. Bha an tòn aice—seann té—dh' éirich e oirre leis a' bharb wire. Start ise air éigheachd agus air ràinich agus air éigheachd. Agus air a chùm e roimhe, bha an fhuil a' pouradh aiste, tha seans. Cha bhiodh e neònach, ag obair oirre leis a' bharb wire. Leum i 'mach ás a' leabaidh, a' chailleach. Chaidh esan na chadal.
'S a' mhadainn dar a dh'éirich e, cha robh sgeul oirre-se. Teansa gun d' thug an deamhainn leis i. Cha robh sgeul oirre. Dh' fhaighnich e dha 'n bhean,
"Dé bha 'dol air n-adhart an seo a-raoir?"
"Chan eil fhios agam," thuirt a bhean ris.
"Uill cà 'l a' chailleach?"
"Chan eil fhios agams'." Os a bhean.
Dh' fhalbh a nighean dhachaigh. Dar a ràinig i 'staigh, thug i am bodach truagh ás a' chrann. Agus bha deagh shaoghal aige riamh na dheaghaidh. Cha do chuir i riamh tuilleadh 's a chrann e.
Sin agad nighean na droch mhàthar.

Dan MacKenzie
Pòn na Maiseadh | Benacadie Pond 12 recordings Faic pròifil | view profile