Naidheachd air Boban Saor
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF242i01b_no_cardE NAIDHEACHD AIR BOBAN SAOR
Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie
[Dan MacKenzie]:...goirid, cha d'fhiach rud, cha chreid mi, a chuir sìos, tha e cho goirid.
[John Shaw]: 'S d' fhiach!
[DMK]: Bha Boban Saor a' travelladh là. Chaidh e 'staigh a thaigh. Bha boireannach na suidhe is bha pàist' air an ùrlar, baby, na shuidhe air an ùrlar, cha b' urrainn dha coiseachd. 'S té bheag ach a scissor na làimhe, fear beag. Thuirt Boban Saor ris a' bhoireannach, "Tha teansa gur e duine ainmeil a bh'ann a Boban Saor 's gun robh naidheachdan poidhle mu dheidhinn."
"Chì mi," ars esan, "leanabh air an ùrlar, is gun ann ach aon sùil." Bha siosar, fhios agad, na làimhe, bha seo a dol a chuir ás.
"Tha, tha," ars am boireannach. "Tha leanabh air an ùrlar is gun ann ach aon sùil."
Uill bha i ann an uair sin, ach bha siosar a' dol ga cuir ás. 'S e a bha esan a' mìnigeadh.
Uill, sin na chuala mise mu dheidhinn Boban Saor. Chan eil ann ach—tha poidhle naidheachdan mu dheidhinn. Chan eil guth agams' air na naidheachdan aig' idir, Boban Saor.