GF241i04_242i01E POCAIRE RUAIMHE AGUS CORRA-CHRIOSTAG Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie Tha thu deiseil, a bheil? Bha daoine ann roimhe ris an canadh 'ad Pocaire Ruaimhe 's Corra-Chriostag. 'S tha teansa gur e housekeeper math a bh' innte, 's e a-réir na naidheachd, gu robh i math gu 'cumail taighe. Bhiodh Pocaire Ruaimhe a' togail vegetables, 's bhiodh e deanadh beagan de thuathanachas Bhiodh e a' cur a h-uile rud an gléidheadh e a's a' bhasement airson deireadh an earraich. Dar a thigeadh Sgriob Liath an Earraich, sin a-nis, Sgriob Liath an Earraich April. Teirigidh am feur 'san t-sabhail agus tha a h-uile rud a' fàs cho beag air tàilleibh an geamhraidh. Dh'ith e a h-uile rud tron gheamhradh. Chanadh e rithese, "Tha mise ga chur seo dhan dàrna taobh, gus a thig Sgriob Liath an Earraich." Bha esan a' mìneagadh deireadh an earraich, gu ruigeadh e hard time. "Seadh, seadh" chanadh ise. Agus, bhiodh esan a' falbh dhan bheinn t-seilg a h-uile là, a ruamhach ‘s ag obair a’s a' choillidh. By God, là a bha seo, start ise air 'deanadh aran. Bha barrailte flùr a-staigh. Dar a thug i an ceann far a bharrailte, dé an diabhal a thuit far an aodaich aic' ach dearg-dhubh. Chaidh i as a' fhlùr. Start ise 'togail an fhlùir, 's i a' coimhead airson an dearg-dhubh. "Och," ars ise, "cha ghabh i faighinn gu bràth mar siud." Roll i a-mach am barrailte, 's bha soirbheas trom ag obair a-muigh. Start i air togail a' fhlùir mar seo, a' coimhead airson na dearg-dhubh. Agus, mu dheireadh ràinig i bottom a' bharrailte, 's cha d'fhuair i an dearg-dhubh. Bha esan ag obair shuas air a' bheinn, Pocaire Ruaimhe, 's chìtheadh e an dust geal a bha siud a' falbh leis an t-soirbheas. Chìtheadh e a' falbh. Thàinig e dhachaigh aig àm dìnnearach. "Dé," ars esan, "a tha dol air n-adhart?" Bha am barrailte flùr empty. Dh'innis i dha a' rud a thachair agus mu dheidhinn na dearg-dhubh. "O a Mhoire, Mhoire," ars esan. "Carson nach robh dòigh na b' fheàrr na sin air an dearg-dhubh fhaighinn?" Agus ars ise, "Guess có bha seo an-diugh?" "Chan eil fhios 'am," ars esan. "Sgriob Liath an Earraich!" "Chan eil," ars esan, "a leithid a dhuine idir ann." "Tha, tha. Bha e 'seo an-diugh. Bha Sgriob Liath an Earraich 'seo an-diugh. Bha," ars ise, "Sgriob Liath an Earraich an-diugh a' seo." [An e siud an gnothach a start thu, feumaidh gun do stad mi an diugh. “Se” Cumail romhad. (Comment to John Shaw about the recording.)] "Agus thug mise dha a h-uile seud a bha 'san t-seilear." "Oh my my my," ars esan. "Seall seo," ars' esan. "Feumaidh mi bhith falbh," ars' esan. "Feumaidh mi an saoghal a thoirt fo 'm cheann. Cha bhi mi beò còmhla riut, cha bhiodh e neònach." Bha e dol a-mach tron doruist. Thuirt esan rithese, "Dragh an doras as do dheaghaidh." Sin a dhùnadh. "Dragh an doras as do dheaghaidh." Dh'fhalbh i agus thog i an doras far an hingeachan 's chuir i air a muin e. Start i air a’ leantail 's air falbh, 's air falbh. Dar a dhorch an oidhche, chaidh 'ad a-staigh dhan choillidh. Bha craobhan móra brèagha a' sin. Dh'fhalbh e agus start e a' dìreadh suas anns a' chraoibh. Start Corra-Chriostag as a dheoghaidh sin 's an doras air a muin. Ràinig e shuas, gu math àrd, a’s a' chraoibh. Ràinig ise. Cha robh 'ad fada sam bith ann a' sin gus an do dh'fhairich 'ad daoine bruidhinn, a' tighinn 's bha 'ad a' bruidhinn. Có bh' ann ach trì robairean. 'S bha ceathramh de dh'fheòil aig fear na làimh, fear dhe na robairean. Bha boidhlear aig fear eile. Bha allt goirid a làimh. Bha trì suitcasean aca de dh'airgead. Chuir 'ad sin air an talamh. Lìon 'ad am boidhlear le uiste. Agus thog 'ad teine aig bonn na craoibh' seo. Chuir 'ad an fheòil a’s a bhoidhlear. Shuidh 'ad mun cuairt a' cunntais an airgid, na robairean. Bha 'àsan ann am bàrr na craoibhe. Thuirt ise, "Tha," ars' ise, "mo mhùin agam." "O airson Dia, cùm e, cùm e," ars' esan. "Cùm e." "Ah dh'fhalbh e," ars' ise, dh'fhalbh e 's mach a thug a mùin, dh'fhalbh 's land e shìos, ‘s cà’ do land e ach anns a' bhoidhlear. Choimhead am fuamhair, an robair. "Dé tha siud a tha tighinn a-nuas?" "Chan e siud ach juice a tha tighinn as a' chraoibh. Nì e soup math." An ceann treis, bha na fuamhairean a' cunntais an airgid. "Tha," ars' ise, "mo chac agam." "O airson Dia, cùm e, cùm e," ars' esan. "Dh'fhalbh e dh'fhalbh e," ars' ise. Siud sìos a dh'fhalbh e, 's land e anns a' bhoidhlear. Thuirt am fuamhair, an robair, "Dé tha siud?" "Chan e ach rud a tha tighinn far na craoibh. Chan eil diofar ann. Nì e soup math." By God, an ceann treis, thuirt ise, "Tha an dorust a' falbh orm." "Cùm e, cùm e," ars' esan. "Cha ghabh e cùmail," ars' ise. Dh'fhalbh an doras sìos am measg nam meangan 's rinn e fuaim a bha eagallach. Leam na robairean air an casan 's a-mach a thug 'ad, 's cha tug 'ad leoth' airgead, no na, far an robh an t-airgead idir. Theich 'ad, dh'fhalbh 'ad le am beatha. Thìll Pocaire Ruaimhe dhachaidh, bha deagh bhean aig’ aig an ceann mu dheireadh. Agus airgead gu sòr gu leòr as na suitcase a rinn an gnothach gu bràth leo.