Fuamhaire nam Mucan Beaga
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF241i02 FUAMHAIRE NAM MUCAN BEAGA
Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie
Fuamhaire a bha fuireach a-muigh as a' mhonadh, agus bha boireannach a' fuireach còmhla ris. Bhiodh am fuamhaire, an duine mòr fuamhaire a bha seo, bhiodh e 'g òl. Tha seansa gur e doirbh duine, duine doirbh a bh' ann, mar a chanadh 'ad. Agus bha an uairsin fear a muigh ann am bàta is thàinig e 'staigh air tìr - duine eile. Is chaidh e air chall anns a' mhonadh, as a' choillidh. Agus bha e trabhaileadh fad na h-oidhcheadh agus thàinig e gu an uamh a' seo, as a' choillidh. Sin agad àite an fhuamhaire. Cha robh fuamhaire a-staigh. Bha a' bhean aig an fhuamhaire, am boireannach, "O," ars ise, "Airson Dia, ma thig am fuamhaire dhachaigh, is tusa ann a-seo, bidh thu gone, bidh thu marbh 'sa mhionaid."
Dh'aithnich 'ad an taigh, an seic a bh' ann, a' crith, shakadh.
"O," ars am boireannach, "tha am fuamhaire a' tighinn. Tha e tighinn. Dé tha thu dol a dheanamh?"
"Chan eil fhios agamsa," ars an duine a bha sin.
Bha closaid dhorcha ann an corner an taighe an fhuamhaire ann an àiteigin.
"Thalla is leum a-staigh a-seo."
A Mhoire bhàn, thàinig am fuamhaire. Dé bh' aig' ach leanabh gille, mìos, dhà na trì mìosan do dh'aois. Thug e a-staigh e 's chuir e air a' bhòrd e. Thuirt e ris a' bhean, a' bhoireannach, "Nì thu," ars esan, "paidh dhomh air a' leanabh seo. Bidh am paidh deiseil aig sia uairean feasgar."
"All right," ars am boireannach.
Dh'innis am fuamhaire rud agus dh'fhalbh e. Thàinig esan a-mach ás a' chlosaid, am fear a bh' ann.
"O," ars ise, "àite math dhut do leanabh." Dh'fheumadh i leanabh a mharbhadh.
Bha poidhle de mucan beaga a' ruith a-muigh mum dorast, a bh' aig an fhuamhaire.
"Uill," ars esan, "marbhaidh mise té dha na mucan beag' a' seo, agus nì thu paidh air."
"Seadh," ars am boireannach. Uill, ars am boireannach ris, "Pìos ás a-seo, tha boireannach a' fuireach ann. Thalla cho luath 's a 's urrainn dhut 's their leat an leanabh 's fàg ann a' sin e, 's till an uairsin."
Thill e. Rug e air a' mhuc bheag, sgrìob e 's mharbh e 's loist [?] chuir air dòigh i, 's gheàrr i suas 's chaidh paidh a dheanadh oirre. Thàinig am fuamhaire feasgar.
"A-hum a-hum a-hum," ars esan, "a bheil am paidh deiseil?"
"Tha. Tha e thall ann a shiud is thalla is ith e."
Chaidh e nunn dhan bhòrd 's shuidh e is start e air ithe a' phaidh.
"Tha," ars esan, "blas muiceadh air a' phaidh seo."
"Blas muiceadh?" "Chan eil." ars ise. "Tha leithid de mucan beag a' ruith mun dorast 's tha thu faireachdainn an fhàile."
"Tha mi creidsinn."
Dh'fhalbh e. Dh'ith e am paidh. "Chan eil," ars esan, "gu leòr do dh'fheòil ùr a-siud fhathast."
Thug e corc a-mach ás a' phreas a bh' ann. Chaidh e a-nunn. Is an duine, fhios agad, theich e dhan chlosaid, tha thu tuigsinn, am fear a fhuair a' mhuc, dhan chlosaid dall dorcha, 's chuir am fuamhaire a-staigh a làimh a-seo, 's ghabh e fheuchainn. 'S cha robh ann ach daoine marbha is cuirp am measg a chèile, marbh.
Cà' an Dia gun do chuir e a làimh ach air pòc' na tòineadh aige, an fhear seo. Chuir e a-staigh a' chorc 's thug e steallag aiste. Thug e a-mach e is chuir e sin anns a' frypan. Start sin air frying. Uill, dh'ith e sin.
Thuirt e an uairsin, "tha siud gu leòr de dh'fheòil ùr dhomhs'."
Dh'fhalbh e 's shìn e air meadhan na seirc, air a ghruaim dìreach. Cha robh ach aon sùil anns an fhuamhaire. Agus shìn e. Cha robh e fad' sam bith gus an do chadail e. Agus nuair a thàirneadh e srann, thigeadh an t-seirc a-staigh, dar a shèideadh a-mach, rachadh i 'mach. Bha i swingeadh air n-ais 's air n-adhart. Ach 's e fear a bha 'sa chlosaid agus pòc na tòin' ga dhìth. Agus thuirt an aon fear a bha 'sa chlosaid, "Tha mi coma dé a thachaireas air, cha bhi mi, chan urrainn dhomh an gnothach," ars esan. Ach thàinig e a-mach. Chunnaic e pócair mór, crochadh, pócair airson an stobh, air a' bhalla. Thug e leis am pócair anuas. Shìn e a-staigh 'san stobh am pócair. 'S dar a bha am pócair dearg, thàinig e os cionn an fhuamhair` air an ùrlar. Is dhraibh e ron t-sùil e, sìos. Leum am fuamhaire a na shuidheas. Bhuail ceann a' phócair ris a' bhalla is thàinig e a-mach tro cùl a' chinn aige.
Thuirt am fuamhaire mar seo, "A-nios, a-nios, có rinn mo dhìobair?"
Leum rìgh far a' bhalla. Chaidh e air meur an fhuamhaire.
"Siud e, siud e, siud e," chanadh e. "Siud e, siud e, siud e."
Bha fear a' dol mun cuairt, siud e is dh'fhosgail e an doras. Chaidh e a-mach. Bha banca mór domhainna-muigh, creagan is clachan. Lean e a-null gu bàrr a' bhanca. Dar a ràinig am fuamhaire bàrr a' bhanca, ghabh e leis a' bhanca, e fhéin 's am pócair, sìos. Agus bha am fuamhaire marbh. 'S thill e dhachaigh is dh'innis e sin dhan bhoireannach. Sin, ars esan, mar… Sin mar a chuala mise an naidheachd.