Back to recordings

Triùir Ghillean agus Mèirleach Dubh a' Ghlinne

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF240i02_241i01 TRIÙIR GHILLEAN AGUS MÈIRLEACH DUBH A' GHLINNE


Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie



Dé seòrs' uidheam a th' ann an craoidhleag? A bheil thu deiseil? Bha rìgh ann roimhid, bha e pòsd'. Dh'eug a' bhean air. Dh'fhalbh e agus rinn e suas air pòsadh a-rithist 's chuir e na trì ghillean air falbh ann an dachaigh, mhath an àite. Phòs e. Cha do dh'innis e dha 'n dala bean idir gu robh triùir ghillean aige. Thug 'ad treis pòsda co-dhiù. Chual’ ise mu dheidhinn nan gillean. Chaidh i as a dheoghaidh an uairsin is e na gillean a thoirt dhachaigh. Thug esan an uairsin dhachaigh na gillean. Tha teansa nach robh seo a' còrdadh rithese idir mu dheidhinn na gillean a bhith staigh ach cha chanadh i guth. Ach an oidhche a bha seo fhuair i paca chairtean 's shuidh i aig a' bhòrd 's dh'éibh i air fear dhe na gillean a-nall. Dheal i na cairtean agus bhuanaichd ise an géam' a bh' ann.
"Tha mise ga d' chuir," ars’ ise, "fo gheasaibh agus fo chròsaibh agus fo naoi buaraichean le sìth seachran gun tàmh là no oidhche gus am faigh thu steud-bhreac aig rìgh Lochlainn dhomhsa" An do thuig thu siud? Thuig. Tha siud gu math doirbh a thuigsinn. Tha.
Thuirt an rìgh an uairsin rithese, dar a thuirt i seo ris a' ghille, "Tog do gheasaibh," thuirt a' rìgh rithe, "Gheasaibh, tog e."
"Cha thog, ‘s cha leag ach mar siud " ars’ise.
Dh'éibh i a-nall air an dala fear. Phlay 'ad géam'. Bhuanaichd ise. 'S thuirt i an aon rud ris a thuirt ris a' chiad. Leum an trìtheamh fear a-nall an uairsin, gille. Cha do dh'iarr i, leum e a-nall 's thug e na cairtean 's dheal e a-mach 'ad. Bhuainichd esan, an gille sin, an trìtheamh gille.
"Tha mise," ars' esan, "ga d' chuir-sa fo gheasaibh agus fo chròsaibh agus fo naoi buaraichean le sìth seachran a bhith nad spàrra-ghaoitheach air mullach taigh m' athar gus an till sinne le—is do gruag leis an t-soirbheas, leis a' ghrian, 's leis a h-uile rud riamh, gus an till sinne leis a' steud-bhreac aig rìgh Lochlainn."
Thuirt a' rìgh, "O my my, tog do gheasaibh."
"Cha thogadh 's cha leagabh, ach mar siud."
Dh'fhalbh a' bhana-bhuidseach an diabhail, dh'fhalbh i a-mach 's chaidh i mullach an taighe 's chaidh i an t-simileir air mullach an taighe. Bha soirbheas a' gabhail dhi is uisg' ‘s drioftadh a' sneachd, is dh'fhalbh na gillean.
"Uill, uill," ars' an rìgh.
Dh'fhalbh 'ad agus bha iad a' trabhaileadh. Bha 'adsan òg, bog, lag òg 's cha robh fhios aca air cus. Bha iad a' trabhaileadh is a' trabhaileadh fad na h-oidhche. Thàinig 'ad gu mullach beinn àrd a bh'ann. By God, bha taighean mòr briagha shìos fodhcha. Thàinig an uairsin duine 'mach. Dh'fhaighnich an duine a bha—có bh' ann, "Có sibh?"
"Mise," ars' 'àsan, ars' 'àsan, "gillean aig an rìgh." Dh'innis 'ad dha rud a thachair dhaibh is an rud a chaidh a dheanamh riutha.
Dh'fhaighnich 'ad dha, "Có thusa?"
"Mise Mèirleach Dubh a' Ghlinne."
"Seadh."
"An cuala sibh riamh an t-ainm?"
"Cha chuala."
Uill, ars' am Mèirleach Dubh a' Ghlinne, "Tha mise o chionn seachd, bho chionn seachd bliadhna, tha rìgh Lochlainn a' fuireach shìos anns an taigh mhór a tha siud. Tha steud-bhreac aig rìgh Lochlainn agus tha mi 'feuchainn ri goid 's e air fàilleachdainn orm."
"Uill, uill, uill," ars' esan.
Chìtheadh 'ad an uairsin fear a ruith a-mach às an t-sabhail agus speal aige. Bheireadh e treis bheag air spealadh 's air spealadh 's air spealadh. Chruinnicheadh e suas a' feur. Ruitheadh e a-staigh dha 'n t-sabhail leis. Dar a ruigeadh am fear sin an sabhal leis a' bhundle feur, ruitheadh fear eile a-mach, bheireadh e air an speal, 's startadh e air spealadh 's air spealadh 's air spealadh. Chruinnicheadh e am feur 's ruitheadh e a-staigh dha 'n t-sabhail..
Dh'fhaighnich na feadhainn òga de Mhèirleach Dubh a' Ghlinne, "Dé tha 'ad a' dèanamh?"
"Siud," ars' esan, "am feadhainn a tha biadhadh na steud-bhreac aig rìgh Lochlainn, agus mura cumar a bhith biadhadh mar siud i le feur, togaidh sin plàigh a’s an dùthaich.
"O uill, uill," thuirt na feadhainn òg.
“Ach” ars’ esan a-niste, "Watch thusa. Theirig sìos taobh na feansadh. Cùm thu fhéin a falach. Agus dar a ruitheas fear a-mach a startas e air spealadh 's e na searbheisich aig rìgh Lochlainn, tha 'ad a' fàs gu math coma dhen steud-bhreac, theirig a-null far a bheil e 's dar a bhios e dèanamh am bundle suas, can thusa ris gun téid thusa am broinn a' bhundle feòir gus an téid a-staigh mi dha 'n t-sabhail agus goididh mise a-nochd an steud-bhreac agus gheobh sibh clìoras i."
"Damn good," thuirt na feadhainn a bha sin. "Damn good. Damn good."
Seo a' rud a rinn e. Ràinig e shìos is thàinig am fear 's dh'innis e dha, seadh, 's chuir e am broinn a' bhundle e 's thog e a-staigh e 's chaidh e gu 'n steud-bhreac dha. Dh'fhalbh a' fear òg a bha sin 's chaidh e am falach am measg a h-uile rud. Agus bha càch air a' bheinn, bha 'ad a' watchadh, Meirleach Dubh a' Ghlinne bochd a' watchadh na feadhainn eile, dé bha dol air n-adhart.
Dar a dhorch an oidhche an uairsin, chaidh na solaist às ann an taigh rìgh Lochlainn, chaidh a h-uile rud às. Thuirt Meirleach Dubh a' Ghlinne ris, seo rud a thuirt e ris cuideachd, "Tha an dìollaid ann an corner an t-sabhail, agus an t-srian agus an check-shréine" Dh'innis am meirleach dha mu dheidhinn. "Agus dar a thig na solaist às agus stadas a h-uile rud 'san t-sabhail, cuiridh tu oirre," ars' esan, "an t-sréine air a' bheathach, air an steud-bhreac, is an dìollaid 's bheir a-mach i agus theirig air a muin, agus stiùir anuas air a' bheinn ann an-seo i."
"Alright," ars' am fear òg.
Dar a chaidh a h-uile sgath mu thàmh 's an t-àite a bh' ann 's solaist às agus a h-uile rud, thàinig am fear òg agus fhuair e an t-sréin’ 's fhuair e 's chuir e air an steud-bhreac i, 's an dìollaid. Chaidh e air a muin agus a-mach a thug e. Rinn e air a' bheinn. Chaidh a h-uile gin ac' air, dh'fhalbh 'ad. Agus chaidh 'ad air muin an steud-bhreac. Agus tha teansa gun robh 'ad a' falbh agus a' trabhaileadh.
Dar a dh'éirich na searbhantaich 'sa mhadainn, dh'ionndrainn 'ad an steud-bhreac. Chaidh 'ad agus dh'innis 'ad dha 'n rìgh.
"O my my my," ars' a' rìgh, "Bha i," ars' esan, "bha an steud-breac aig mo sheanair, is bha i aig mo shìn-sheanair agus bha i aig m'athair is tha i agamsa a-nis." Feumaidh gu robh i cho sean ris an diabhal a bha ann an ifhrinn, a réir sin. "Agus feumaidh sinn an steud-bhreac fhaighinn."
Chaidh daoine a-mach 's chaidh siud a-mach 's chaidh seo a-mach, 's chaidh, tha mi creidsinn nach robh ann mar a th' ann an-diugh gur robh e cho handy, tha mi a' creidsinn. Ghabh e ùine mhór 's chaidh word mun chuairt an diabhail mar a tàinig 'ad cros an steud-bhreac.
Bha na gillean aig a' rìgh a' dèanamh dhachaigh leis an steud-bhreac, fhios agad. Rachadh na geusan a thogail dhiubh an uairsin a chur àsan orra. Tha mi ga d' chuir-sa fo gheasaibh agus fo chròsaibh agus fo naoi buaraichean le sìth seachran, gus am faigh thu steud-bhreac aig rìgh Loch—na geasan—bha 'ad a' dèanamh dhachaigh air taigh an rìgh leis an steud-bhreac, agus chaidh an ceapadh agus tha teansa gun deachaidh an cur dha 'n phrìosan, a h-uile gin aca, agus chaidh an steud-bhreac fhaighinn. Agus thuirt an uairsin an rìgh dé am bàs a bha e 'dol a thoirt dhaibh, bàs bu phianta ghabhadh a thoirt dhaibh. Uill, an gnothach, bha boiler uiste, boiler mór de dh'uiste agus bha e a' goil a-muigh. Bha crowd aca mun cuairt.
Thug 'ad a-mach Mèirleach Dubh a' Ghlinne, 's e a' chiad duine a bhathar a' dol a chur às dha.
"An robh thu riamh, "ars' esan," ann an àite cho cunnartach air do bheatha a chall? Tha mi dol gad chuir 'sa bhoiler."
"Och, bha, bha," arsa Mèirleach Dubh a' Ghlinne. "Do nach eil sgath a sin, dileag uiste a' bhoiler."
"Uill," ars esan, an rìgh riutha, "Cha gabh e bhith na, “och, bha na bu chunnartaiche.
"An robh thu an àite riamh na bu chunnartaich’ air do bheatha a chall na tha thu ann an-sin?"
"Och, bha," ars esan. "Bha mise," ars esan, "oidhche ann an taigh a' feuchainn ri goid a dhèanadh. Chaidh," ars esan, "na h-òrdagan a ghearradh far na casan agam le tuagh am broinn an taighe, 's 'ad a'dol gam mharbhadh. 'S fhuair mi clìor. Nach robh sin na bu chunnartaiche?"
"Bha," ars' an rìgh, "Bha. Gheobh thusa clìor, ma thà."
"Uill," ars' am Meirleach, "Leig fear dhe na feadhainn òg ud clìor. Tha mise coma."
"Leigidh," ars' esan.
Fhuair 'ad uairsin ris an dala fear an uairsin dhe na feadhainn òg a bha 'ad a' dol a chur crìoch air-san. Thuirt am Mèirleach Dubh a' Ghlinne, "Bha mi," ars' esan, "ann an àite na bu chunnartaiche na bha siud," ars' esan.
Dh'fhaighnich an rìgh dha.
"Bha mise," ars' esan, "oidhche ann an àite," ars' esan, "'s thàinig am bullet," ars' esan, "thug e an top far a' churrac agam 's a' falt às mo cheann," ars' esan, "'s chaidh e a-mach ron bhalla. Shàbhail mi."
"O Mhoire, Mhoire," ars' an rìgh. "Bha sin gu math cunnartach. Ma tha leigidh mi am fear òg eile clìor."
Agus fhuair an dala fear clìor, ach an trìtheamh fear an uairsin. Dh'fhaighnich e dha mu dheidhinn an trìtheamh fear.
"An robh thu ann an àite na bu cunna—'?"
"Bha," ars' am Mèirleach Dubh a' Ghlinne. "Bha," ars' esan. "Bha mise ann an àite oidhche," ars' esan, "bunch againn 's bha goid a' dol air n-adhart," ars' esan, "agus chaill mo chas," ars' esan. "Tha cas mhaide orm," ars' e fhèin.
Sheall e a' chas mhaide dha 'n rìgh. Agus nach robh e ann a bu chunnartaiche a' chas a chall na bi coimhead air dileag uiste 'sa bhoiler a goil?
"Bha," ars' an rìgh. "Uill, ann an ainm Dhia," ars' an rìgh, "Bithibh a' falbh uile gu lèir. Thallaibh. 'S theiribh leibh an steud-bhreac aig rìgh Lochlainn, theiribh leibh i mar phreasan dhachaigh. Togaibh a' ghillean as mo shealladh is theiribh ifhrinn oirbh."
Sin an sgeul.

Dan MacKenzie
Pòn na Maiseadh | Benacadie Pond 12 recordings Faic pròifil | view profile