GF239i08 RANNAN LE EÓGHANN THORMAID DÒMHNALLACH Beulaiche: Lachlan Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan Bàrd: Eóghann Thormaid 'ic Ruairidh 'ic Mhìcheil | Hugh MacDonald Sin nuair a thuirt an té bu mhotha dhiubh 's i a' gurrachadh a-nall Am faithne dhut mo phiuthair-sa bho 'n 's tu tha fuireach thall Bho 'n is ainm dhi beinn a' dh'usaigeadh is currac duilleach air a ceann I pòsd' aig Dòmhnall Ceannadach 's iad gun phioc, gun chlann Tha bràthair air a' làn oirre, 's gur fhad bho 'n bha e ann Gu bheil e fo léin' athair a bh' ann, 's an aois air fhàgail fann Ach tharraing mac 'san t-sabhal e gus a shròin a' cnàmh gu cheann Gur a h-e air luch an àite, gur a h-e Ceap Mabù th' ann