GF239i02 ILLEAN AI HIURAIBH (GHEALLAIBH) O Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bho bheinn gu cladaich [tape cut] bho bheinn gu baile. —'s a luachair. B'fheàrr leam fhín na bonn 's a luachair Gu robh Dòmhnall Bàn le thuaigh ann Gu robh Dòmhnall Bàn le thuaigh ann 'S e dheanadh an darach fhuaigheal Dh'fhàgadh luchdmhor, làidir, luath i Dh'fhàgadh luchdmhor, làidir, luath i Aigeannach gu siubhal cuan i Aigeannach gu siubhal cuan i Thug a' lath' an-diugh gu fuathas Thug a' làth' an-diugh gu fuathas Bha cur sneachd is gaoth a tuath ann Bha cur sneachd is gaoth a tuath ann 'S thug am bàta bàn an cuan oirr' Thug am bàta bàn an cuan oirr' 'S cha bhi cùram orm mu fuadach Cha bhi cùram orm mu fuadach 'S mo leannan air bòrd a' fuaradh Mo leannan air bòrd a' fuaradh Chan e dubh e, is chan e ruadh e Chan e dubh e, is chan e ruadh e 'S ann a tha e buidhe dualach Agus sin cho fad 's a théid mi leis a' sin. Cò-dhiù, bha nist an tuilleadh a thigeadh ás a dheaghaidh sin. Ma bhuinneadh dha no nach buinneadh bha 'n uair sin ann mu dheidhinn— Soraidh dh'ionnsaigh na gruagaich A bhi fuireachail mun cuairt dhi Agus tha mi 'smaointinn gu robh e ann an uair sin: Gun do chuir Aonghas MacMhuirich cruaidh rithe Is dh' fhàg sin anns an eilean uaine e An cuide ris na sionnaich ruadha [tape cut]—'s e na cruinneig Chuala mi gun deachaibh uile An tuath ri muinntir furan Chan ann ri bleith na ri fuine Ach fuaigheil bhréid 's a leughadh a dhuilleag Tha fhios gu—deireadh a h-uile rann dheth sin mar gum biodh e deireadh an dàrna rann ri ghabhail air toiseach an fhir eile. Sin mar a tha 'ad air a tòiseachadh. Mar a chanamaid: Chuala mi gun deachaibh uile. Agus chanadh tu sin air toiseach an ath fhear- Chuala mi gun deachaibh uile, Far an d' fhuair i muinntir furan. 'S ann air a' suidheachaidh sin a bha e dol. Sin na bheil—na thig dha 'm bheachd-sa dheth anns an àm, co-dhiù. Ach gu robh, bha cuimhne agam air a thuirt 'ad mu dheidhinn an Eilein Uaine, gu robh ainmeachas ann a-rithist air feadhainn a bhiodh, coltach a bhiodh càirdeach dha na bhiodh mun cuairt air. Bha Camshronaich, Rothaich, is Tuathaich. Agus Stiùbhartaich, a' leadain uaine—no dualaich co-dhiù, 's e Stiùbhartaich a' leadain dualaich—agus chan eil, tha a h-uile sian car air dhol air seachran orm, tha leithid do dh'ùine bho 'n a, bho 'n chuala mi, feumaidh gu bheil dà fhiceadh bliadhna co-dhiù bho 'n a chuala mi an t-òran tha sin. Agus 's gann gu bheil e ri faotainn an-diugh, nach eil e air a dhol air seachran gu mór.