GF238i13_239i01 CREACHADH A' BHODAICH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A bhith 'bruidhinn air pàirt do chleasan Oidhche Shamhna, bha aon chleas ann a bhiodh aca ris an abradh 'ad ''creachadh a' bhodaich.'' Cha robh e glé fhurasta a dheanamh na bu mhotha, ged a bhiodh cuid dhiubh ris. Agus o, dh'fheuch mise ris turas mi fhín, is chaidh an gnothach leam a dheanamh. Bha, bha thu faighinn dà dhealag do mhaide, bha iad ri bhi garbh, agus 'ad air an snaigheadh sìos gu bhith biorach aig, mar a bheireamaid, aig a' ghob. Agus bha thu 'glacadh fear a's gach làimh, is bha an t-astar air a thomhas air an ùrlar, bho 'n àit' am biodh bàrr do chas. Agus bha 'phrìne, chuireadh 'ad prìne a' stobadh anns an ùrlar, far am biodh e cho faisg ort 's gu ruigeadh tu air airson a thogail le d' fhiaclan. Agus nuair a bha thu a leigeadh do chudhrom air bàrr do chas, agus air na dealagan, maide bha seo, bha thu 'falbh, ag iomain sìos air do shocair. Agus bhathar gad cheasnachadh mar a bha thu 'dol. Is dh'fheumadh tu 'nuair sin, dh'fheumadh tu bhith car cùramach nuair a thogadh tu do làmh, nach rachadh car dhiot a thaobh bha thu air aon làimh, aon dealag sìos, agus bàrr an dà choiseadh air an ùrlar, is cha bhiodh tu ach gu math corrach. Agus dh'fhaighneachadh fear, ''Càil thu 'dol, a dhuine bhochd?'' Is chanadh tu, ''Tha mi 'dol a chreachadh a' bhodaich.'' ''Is a bheil thu cinnteach gun creach?'' Is dh'fheumadh tu do làmh dheas thoirt far a làr, agus dealag a bha sin a chuir suas ri d' chluas chlì agus a chantail, ''Air a chluais ud, gun creach.'' Seadh, mar a bha mi ag innse, mu dheidhinn creachadh a' bhodaich, nuair a chuireadh tu do làmh dheas suas gad chluas chlì leis an dealag mar a thuirt mi, is chanadh tu air a' chluais ud gun creach, bha thu sin a' dol beagan air aghaidh agus dh'fhaighneachadh dhiot a-rithist, ''Ca' robh thu 'dol, a dhuine bhochd?'' Agus bha thu 'toirt an aon fhreagairt seachad, bha thu dol a chreachadh a' bhodaich, agus dh'fhaighneachadh 'ad dhiot, ''A bheil thu cinnteach gun creach, no a bheil thu a' smaointinn gun creach?'' Agus thogadh tu do làmh chlì far a' làr agus chuireadh tu an dealag suas gu bun do chluas dheas, is chanadh tu, ''Air a' chluais ud gun creach.'' Agus ma dh'fhaoidte gu rachadh a' cheist sin a chuir ort dà thuras, gu feumadh tu dhol suas dà thuras leis gach làimh, làmh mu seach. Agus chanadh 'ad an uair sin, ''Seadh, ma-tà, creach e.'' Agus feumaidh tu am prìne thoirt ás an ùrlar le d'fhiaclan, agus tilleadh air n-ais air do shocair. Is bhathar a' faighneachd dhiot nan ceistean an uair sin - ''Càit a' robh thu?'' an àite mar a bhathar an toiseach, ''Càil' thu 'dol,'' 's e ''càit a' robh thu a dhuine bhochd.'' Is dh'fheumadh tu a chantail gu robh thu 'creachadh a' bhodaich. Agus bha na ceistean air a chuir ort an uair sin, ''A bheil thu cinnteach gun do chreach?'' Is dh'fheumadh tu, mar a thuirt mi roimhe, làmh mu seach a thogail, agus a cuir suas mar a thogadh 'ad do làmh dheas, dh'fheumadh tu cuir 'ga do chluais chlì agus a chantail, ''Air a' chluais ud, gun do chreach.'' 'S thuirteadh sin, an dà thuras leis gach làimh, bha thu 'g iomain air n-ais beag air bheag. Agus mu 'n àm a fhuair thu an dàrna ceist a fhreagairt air tilleadh, bha thu an uair sin fada gu leòr air ais airson éirigh nad sheasamh. Ach, bha e trom air bàrr nan cas a bhi air an ùrlar agus dh'fheumadh tu bhi gu math fuireachail a thaobh a bhi freastal a bhi aon làmh sìos, agus dà bhàrr nan cas ga 'd chumail. Sin agaibh mar a bha cleas a sin, mar a biodh 'ad a creachadh a' bhodaich.