GF238i12 A' MHUILEARTACH MHAOL, RUADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha sibh a' bruidhinn air an uilebheist na a' chulaidh-uamhais a thàinig thairis ris an Fhéinn nach e sin an sgeul a bh'ann, a chuala mi, 's ann aig Mìcheal Mac'Illeathain, Mìcheal Iain Chaluim Òig 'ic Iain 'ic Lachlann Ghobha a chuala mi an rann a bha seo. Tha uidhir a dh' ùine nist bho 'n chuala mi i, agus gu bheil i air a dhol air seachran orm. Cha do dh'ionnsaich mi i gu h-iomlan co-dhiù, nuair a bha, nuair a chuala mi, bha pàirt dheth nach do dh'ionnsaich mi. Ach gu robh e ann mu dheidhinn, a' toirt cunntais air a' bheist, gu robh aon sùil ghlumach na ceann, 's bu luaithe i na rionnag a' gheamhraidh. Agus nuair a bha iad a' bruidhinn air an fheadhainn a chaidh a chath, a chaidh a chath rithe, dh' ainmich 'ad gun do éirich Fionn flath nam fear. Dh'éirich Osgar agus Oisinn. Is bha ann an cuid eile dhe 'n rann, a' cheathrar bu treasa bh' anns an Fhéinn, a chuireadh a chath ris a' bhéist. Bha i 'ga fighe mu seach, mar gu leaghadh sneachda ro laisir. Tha e a' bruidhinn an seo air "Duan na Muileartaich" a chuala bho Mìcheal MacIlleathain. Bha fìor dhroch bhana-bhuidseach aig righ Lochlainn agus aig an àm bha an Fhéinn' a' cur call mór air Éirinn. Cha robh iad a' fàgail mart na earb na beathach eile beò gun a marbhadh; agus chaidh rìgh Éirinn a bhruidhinn ri rìgh Lochlainn fiach an cuireadh e a-nall thar sàile a bhana-bhuidseach ris a b' ainm a Mhuildheartach gus na Fianntaichean a sgrios. Seo aon rann: 'S e b' ainm dha 'n nì nach bu thiom, / A' Mhuileartach mhaol ruadh, / O chrìochaibh Lochlainn thar sàil', / Gu Éirinn a chomhachadh uile. [Dùghall Mac a' Phì, 2025] He is talking here about "Duan na Muileartaich" which he heard from Michael MacLean. The king of Norway had a very evil witch and at that time the Fianna were causing great loss to Ireland. They would not leave a cow or deer or any other animal alive without killing it; and the king of Ireland went to speak to the king of Norway to ask if he would send his witch named the Mhuildheartach across the sea to destroy the Fianna. Here is one verse: The name of the creature was not soothing, / The bald, red-headed Mhuileartach, / From the borders of Norway across the sea, / To deal with all of Ireland.