GF237i08 SMEURAN DUBHA 'SAN FHAOILLEACH Beulaiche: Màiri Anna ni'n Eilidh Eachainn Eòin | Mary Anne MacKenzie [Mary Anne MacKenzie:] Bha rìgh ann turas, bha. Chaochail a bhean air, 's bha aon nighean aige. O bha i cho brèagha ri—ris a' ghrian, na 'n òr na ge b' e dé. 'S bha an nighean ac' coma dha [ ? ] mu'n cuairt aig [ muigh air bheinn? ]. Grian an àrd [ fhàire?] far nach fhaiceadh i duine 's nach fhaiceadh duine idir i. 'S dh'fhalbh e 's bha e falbh—falbh leatha—'s dh' fhàg e anns an àite seo i agus a [chaidh?] e dhachaigh. H-uile latha bhiodh e dol dha 'n bheinn sheilg, 's rachadh e 'ga coimhead. Co-dhiù bha—dé mar chanadh 'ad—bha seann chailleach as an àite 's thàinig 'ad an [?] a-nuas. Chaidh e a choimhead air—o bha—phòs an rìgh a-rithist agus bha—bha nighean aice—aig a' bhean. O bha i cho grannda ri rud a chunna tu riamh. Co-dhiù chaidh an nighean fo [chulaidh?] a choimhead air a' bhànrigh a' latha seo 's thuirt i rithe "Tha thusa smaoineach gu bheil a' rìgh ag inns' a h-uile rud dhuts'." "O tha," ars ise, "Chan eil e cumail sian uam." "O tha. Dar a tha an nighean, agus a' ghrian an dàrna àrdach—àrach. Cha do dh'inns e dhutsa sinn. "Cha do dh' inns'. Uill dé mar a—dé nì mi?" Uill nuair a thig e dhachaigh a-nochd falbh—théid thu 'nad shìneadh 's o agus [?] agadsa bidh [poc'?] agam de fhìon'—fhìon' dearga [ron d' bheul?] 's nuair a thig esan a choimhead ort a dh'foighneachd dé mar a tha thu, leig am fìon a-mach 's can gur e fuil do chridhe. Agus faighneachd dha dé nì esan—bheil rud sam bith ann a nì esan? Tha e cantail-sa gu bheil, gu bheil nighean aigesan 's a' ghrian àrd [àrach?] 's g' eil—ma bheir e dhachaigh i, gum bi thu all right. "Uill," ars' esan, ma nach—ma gheall mi ri sin, nì mi e." Thug i—thug e dhachaigh an nighean. 'S bha an nighean cho brèagha 's bha an téile cho maol, charach. Carach. Agus—bhànrigh, smaoinntich i an uair sin gun deanadh i rudeigin a gheobhadh i clìoras an nighean bhrèagha. Agus thuirt i rithe, "Tha mise 'gad chuir-s' fo gheasaibh 's fo chroiseabh 's fo [?] siubhal seachran. Bha cheangail—bha a' cheangal beatha mar—falbh 's gun toir i thugamsa làrach [?] smeuran dubha 'san fhaoilleach. [BREAK IN TAPE] beagan, glé bheag nuair a—nuair a dh' fhalbh i 's thug i lunch leatha 's a thachair ris na sealagairean, 's a— [John Shaw:] Dìreach. [BREAK IN TAPE] [MAMK:] Fhiosam dé thachair. Chan eil fhios 'am ciamar a fhuair i na smeuran ach fhuair i 'ad co-dhiù, bha 'ad aice tighinn dhachaigh. [JS:] Seadh.