GF237i03 SGEULACHD AN FHÉIDH Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bha siud ann reimhinn [reimhid], càraid òg agus 'ad air ùr-pòsadh, agus chuala seann duine a bha pìos bhuapa mu 'n deidhinn agus chual' e—chual' e gu robh càraid 'is [ ? ] gu faigheadh e cearc 'is [ feidh ? ] an àite, gun còrdadh e riutha 'son a bhith aca air an dìnnear, gu' robh toil aca dìnnear mhór a dhèanamh. Ach chual' an seann fhear seo agus fhuair e creiceann féidh 's lìon e suas e 's rinn e dìreach [shape?]—dèanamh an fhiadh air. Chaith e air a mhuin e 's ràinig e 'n taigh aca 's sheas e a-muigh agus thàinig fear na bainnseadh a-mach agus 's thuirt a' seann duine, "'S math do chàraid òg air ùr-phòsadh nach robh [ am peutachan? ] fhéin seo ac' air an dìnnear an-diugh." Thug fear na bainnse togail, "An e fiadh a th' agad?" "'S e," ars' esan. "Uill," ars' esan, "cha téid thu na's fhaide na seo leis, ceannaichidh mise e". Dh'fhàg e aige e co-dhiù. "Ach chan fhaod thu," ars' esan, an seann duine, "beantail dha", ars' esan, an t-seann fhear air "a chuir ás a' chéile, gus am bi mise cunntas mhìltean air falbh." "Tha sin all right," ars esan, fear na bainnse, "tha spell mu 'm bi àm dìnnearach ann fhathast co-dhiù." Thug e dha e co-dhiù, roinn mhath do dh'airgead air an fhiadh agus dh' fhalbh e. Dh'fhalbh an seann fhear, agus nuair a chaidh fear na bainnse a choimhead airson—dol a bhruich deagh dhìnnear do fheòil an fhéidh, cha robh sgath am broinn a' chraichinn ach luideagan 's a h-uile seòrs'. Sin na tha [ ? ] cha fad 's a [ deach a mhilleadh? ] orra.