Back to recordings

Donnchadh Ropach Mac an Aba

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF236i00_237i01 DONNCHADH ROPACH MAC AN ABA


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean


Bha siud an [reimhinn/roimhe?] o chioinn àireamh mhór de bhliadhnaichean, leth-sheann duine 'a cha do rinn e car riamh ach trapadh, cuir thrapan 'sa choillidh, a' trapadh beòthaichean fiadhaich—madaidhean ruadha 'is cait fhiadhaich 'is bearaichean—'s a' toirt dhiubh a bhéin. Sin a' bheò-shàint a bh' aig', ach bha e deanamh math gu leòr orra.


Ach latha dha na làitheachan, bha e coiseachd aig toiseach an t-samhraidh agus smaointich e gur ann a rachadh e 'mach dha 'n choillidh agus gun togadh e na trapaichean. Nuair a ràinig e 'muigh a' choille far an robh na trapaichean air an cuir, bha beòthach mór ann a' sin agus a' sàs ann a' fear dha na trapan, agus e marbh. Agus chaidh e a-null far an robh e agus bha e 'ga examineadh cho math 's a b' urrrainn, ach cha b' urrainn dha dheanamh a-mach gu dé seòrsa creutair a bh 'ann, ach gu robh e uabhasach coltach ri cat. Ach bha e mu mheudach cnapach do bhear. Ìnean air mar gum biodh air cait, is ceann cait.


Thug e ás an trap e agus chaidh e air a' mhuin e agus thug e dhachaigh e. Chuir e a-staigh do thaigh beag air bh' air beulaibh an taigh' aige agus dh' fhàg e ann a' sin e, agus aig a dh'aona àm, chunnaic e gill' òg a' tighinn dha 'n taigh agus thàinig an gill' a-staigh agus dh' inns' e dha am beòthach a fhuair e agus, [ars esan?] "Théid thu a-mach dha 'n taigh bheag seo a-muigh agus coimhead thu, feuch an dèan thu a-mach," ars' esan, "gu dé seòrsa creutair a th' ann."


Chaidh an gille a-mach co-dhiù 's thug e spell 'ga examineadh, 's thuirt e air—nuair a thill e a-staigh, "Chan urrainn mise," ars' esan, a dheanamh a-mach dé an creutair a th' ann," ars' esan, "ach g' eil e uabhasach coltach ri cat ach chan eil cat air an t-saoghal a' leithid siud."


"Uill," ars' esan, Donnchadh Ropach, ars' esan, "tha nàbaidh," ars' esan, "agam ann a' seo mu mhìle bhuam," ars' esan, "agus nuair bhios tusa a' falbh, tadhaileadh tu aige, is dh'iarradh tu air gun do dh'iarr mise fhaighinn 'gam choimhead orm ann a' seo an-diugh. Is gun a leigeil na h-ùine na's fhaide na 'n-diugh," ars esan. "Tha e na dhuine uabhasach math," ars' esan. "Bidh e leughadh a h-uile seòrsa—leabhraichean, is bidh e a' leugh' mu chreutairean fiadhaich," ars' esan. "Tha fhios 'am g' eil fhios aige dé seòrsa creutair a tha seo."


"All right," ars esan, an gille, "glé mhath."


Thadhail an gille aig an duine a bh' ann a' sin agus dh' inns' e dha agus—"Ach," ars' esan, Donnchadh Ropach, "na inns' dha gu dé an gnothach a th' agam ris idir."


Thàinig co-dhiù a' fear a bha sin agus chaidh e choimhead air Donnchadh agus dh'fhaighneachd e dheth dé an gnothach a bh' aige ris.


"Uill," ars' esan, "fhuair mi beòthach neònach," ars' esan, "ann an trap an-diugh 's cha [dearg ?] gun urrainn mi dhèanamh a-mach gu dé an creutair a bh' ann," ars' esan. "Thalla a-mach dha 'n taigh ud a-muigh," ars' esan, "agus chì thu e," ars' esan.


Chaidh an nàbaidh a bha sin a-mach dha 'n taigh bheag agus cha robh an [?] beothach a bh' ann, agus thug e spell 'ga examineadh 'is thill e 'staigh. "Siud agad," ars' esan, "Rìgh nan cait fhiadhaich," ars' esan. "'S e bheir 'ad ris an seòrs' ud. Is bha thusa lucky," ars' e, "gu robh e marbh, nach robh e [?] far na coille. Tha 'ad a' siud cho crosda," ars' esan, "[nuair a bhios?] 'ad a' coiseachd leotha fhéin tro na coille, cha bhi 'ad ach a' [sgiathadh?] 'is ag éigheach ['s a h-uile sian?], fhìor chrosda 's a tha 'ad. 'S nam faiceadh 'ad duine," ars' esan, "no beothach tha 'ad a' leum agus 'ga shracadh 'ad ás a' chéile."


"Uell," ars' esan, Donnchadh Ropach, ars' esan "Tha mi gu math toilichte an [gnothach? ?]."


"Chan eil 'ad sin an ceann a h-uile ceud bliadhna," ars' esan, "a' fear a bh' ann a' sin, 's iomadh fear aca siud a' startadh às an àit' a's a bheil e. Agus," ars' esan, "tha 'ad ann an Eilean Mór," ars' esan, "a th' air an taobh chross. Chan fhalbh 'ad ás an eilean," ars' esan, "ach gun leigear a-mach fear aca an ceann a h-uile ceud bliadhna. 'S chan eil duine air [beantadh?] orra ach 'ad fhéin."


"Uill uill," ars' esan, ars' esan, Donnchadh Ropach, "Tha mi lucky nach robh e beò nuair a thàna mi."


"O bha," ars' esan.


Rinn an nàbaidh a bha sin ceilidh an àite Dhonnchaidh agus dh'fhalbh e co-dhiù agus an ceann spell co-dhiù as a dheoghaidh sin [?], chaidh fios feadh an àite 'm beothach a fhuair e, Donnchadh, a's an trap.


Bhiodh 'ad a' sin 'ga chomhead, ceann dà sheachdain a dheoghaidh sineach, ceann dà sheachdainn as a dheoghaidh sin co-dhiù chunnaic e dithist de dhaoine móra a' tighinn gu 'n taigh air coltas gu robh 'ad uabhasach beartach stylish, a' ruaig a bh' orra.


Bhuail iad aig an doras agus dh' éibh Donnchadh Ropach dhaibh, "Thigibh a-staigh," 's dh' fhosgail e fhéin an doras dhaibh.


"Théid sinn a-staigh," ars' esan, am fear aca "ma 's e ar beatha dhol a-staigh."


"'S e," ars' esan, Donnchadh, "ur beatha tighinn a-staigh còmhla riumsa. Cha do chuir mi trioblaid air duine riamh."


"Cha do chuir," ars' àsan, "no sinne triob—".


"Uill thigibh a-staigh," ars' esan. "Cha d' thàinig sibh," ars' esan, Donnchadh, "a' seo gun ghnothach."


"Cha d' thàinig," ars' esan, fear aca, "Chuala sinn gun d' fhuair thu beòthach car neònach," ars' esan, "ann an trap, 's tha sinn airson fhacinn."


"Tha e 'muigh 'san taigh bheag ud a-muigh," ars' e, "'s theirgibh fhéin a-mach 'is coimheadaibh air." Chaidh 'ad a-mach co-dhiù 's thug 'ad a-nall is [chaith 'ad?] aig step an dorais aig Donnchadhe. Agus, "Uell," ars' esan, Donnchadh, "an d' rinn sibh a-mach dé an creutair a th' ann?"


"Rinn. Tha siud Rìgh nan cait fhiadhaich," ars' esan, "'s bha thusa lucky nach robh e beò nuair a ràinig tu far na robh e. Tha 'ad siud," ars' e, "cho crosda," ars' esan, "tha 'ad letheach gòrach co-dhiù, seòrsa chreutairean a th' annta. Cha dean 'ad ach rud sam bith a chì 'ad, tha 'ad airson leum air 's a' mharbhadh 's a shracadh."


"Ach," ars' esan, fear aca, "an creic thu ruinn e?"


"Creicidh mi an t-seich' aige riut," ars' esan, "sin," ars' esan, "[?] feum [ a bheir? ] mise," [ars' esan?].


"A," ars' esan, fear aca, "bheir sinn dhut barrachd is fiach na seiche air. Nì sinn," ars' esan, "glé mhath air an t-seòrs' ud."


Phàigh iad dha co-dhiù gach roinn de dh' airgead dha air a' bheothach a bh' ann, 's chaidh fear ac' air a muin e agus dh' fhalbh e. Thug 'ad leòtha e co-dhiù agus bha—an ceann seachdain as a dheoghaidh sin—chaidh Donnchadh a-mach agus thog e na trapan a-staigh uile gu léir agus smaointich e [an uair?] a rachadh e choimhead air feadh a' pharaiste—sin am paraiste bu ghiorra dha—gu dé chìtheadh e.


Cha b' àbhaist do Dhonnchadh a bhith deanamh cus de thraveladh ann. Fhuair e deiseil agus dh' fhalbh e. Bha an duine bha seo, agus bha e falbh, 's nuair a chaidh e 'mach 'sa pharraist' aige fhéin bha e anns—am paraist' ùr eile 'n uair eile 'n uair sin 's cha robh taigh ri fhaicinn ri taobh a' rathaid, 's cha robh duine ri fhaicinn .


Ach chùm e roimhe. Theann ann oidhche air ciaradh co-dhiù agus cha robh duine [air sgeul?] is cha robh taigh ri fhaighinn. Chaidh e ann a' choille agus chaidil e gu madainn. Tha mi creidsinn, an cadal, nach d' fhuair e.


Ach bha sin all right co-dhiù. Dh' éirich e as a' mhadainn 's chrath e e fhéin 's chuir e e fhéin caran dòigheil 's start e a' coiseachd. Bha e fad a' latha a' coiseachd 's bha e gun bhiadh, gun deoch, no taigh a chìtheadh e 'mach—chan fhaiceadh e taigh 'is chan fhaiceadh e duine. Feasgar, spell mun a' dhorchaidh, chunnaic e gille òg a' tighinn na choinneamh co-dhiù, agus nuair a thàinig e ann an àit' a bruidhneadh e, bhruidhinn e ris. Bhruidhinn an gille ris.


Dh'fhaighneach an gille dheth, "Càit'," ars' esan, "a bheil dùil agad a bhith a-nochd?"


"O, far na robh mi raoir," ars' e, "anns a' choille."


"[Saoil and do?] chaidil thu 'sa coillidh thu fhéin?" ars' esan, [an gille?].


"Chaidil." "Ach cha chadail thu a-nochd ann," ars' esan, an gille. "Tha mise agus m' athair 's mo mhàthar a' cumail taigh," ars' esan, "is tha sinn mìl' as a' seo. Agus," ars' esan, "tillidh mi fhín còmhla riut agus théid thu dha 'n taigh againn."


Uill cha robh fhios aig Donnchadh co-dhiù bha an gille deanamh friends a bha e ris no bha e dol 'ga mharbhadh no [gu dé?]. Thuirt Donnchadh ris fhéin, "Feumaidh sibh bhith glé mhath mun téid [gun deach thu ormsa/cuir an t-eagal ormsa?] co-dhiù." Dh'fhalbh e còmhla ris.


Ràinig 'ad aig taigh athar 'is màthar a' ghille agus chaidh 'ad a-staigh agus thuirt an gille ri athair 's ri mhàthar, "Tha duine—duine bochd ann a' seo," ars' esan, "nach eil àite aige 'son caidil a-nochd," ars' esan, "agus feumaidh sibh a chumail."


"O gu dearra fhéin," ars' esan, am bodach agus a' chailleach, "Cùmaidh. Carson nach cùm? Nach eil an taigh seo mór gu leòr airson—ged [bh]iodh a dha na trì aca ann."


Thug a' chailleach dha a shuipear 's tha mi creidsinn [gum bu riatanach oirre?] 'on a dh'ith e rud 'sa mhadainn an-dé, rinn siud a-staigh aige fhéin. Agus bha Donnchadh 'na dhuine math sìobhalta gu seanchas agus by God 's ann a chòrd e ris a' bhodach 'is ris a' chaillich, an duin' a bh' ann, cho slick 's a bha e gu bruidhinn.


Thàinig àm cadail co-dhiù agus thuirt a' chailleach ris—ri Donnchadh, "Nist," ars' ise, "nuair thig àm cadail 'is sannt do chadal ort," ars' ise, "tha leabaidh deiseil air a' lobhtaidh shuas."


"Uill," ars' esan, "tha mi creidsinn," ars' esan, "duine bha 'na chathris a-raoir," ars' esan, "gum biodh e cho math dha a dhol a chadal."


Chaidh 'ad suas co-dhiù 's bha leaba mhòr deiseil roimhe 's chaidh Donnchadh a chadal. Thuirt e ris fhéin, "Cha chaidil mi ro mhath a-nis gun fhios ge b'e gu dé seòrsa a th' annta." [Ge b'e sin?] do Dhonnchadh, nuair a bhuail e a' leaba, thuit e 'na chadal is bha [latha an deaghaidh?] latha-na-mhàireach ann nuair dhùisg e.


Dh'fhairich e co-dhiù gu robh am bodach 's a' chailleach a's a' chidsin air feadh an taighe agus dh'éirich e agus thàinig e a-nuas agus thug a' chailleach dha a bhreakfast. Agus co-dhiù bha 'ad a' bruidhinn agus thug—thuirt e sin, Donnchadh, "Tha mis' a niste a' cur mu dheidhinn falbh," ars' esan. "'S tha mi gu math taingeil dhuibh cho math 's cho coibhneil 's a ghabh sibh rium."


"Ach," thuirt 'ad, "cha robh a' siud." [Gun ?] deanadh àsan coibhneas ri duine sam bith a thigeadh.


Dh' fhalbh e agus thug e roinn de dh' airgid dha 'n a' bhodach agus do 'n chaillich agus thug e barrachd dha 'n ghille òg on is e thug dha 'n taigh e. Start e a' coiseachd e agus cha robh taigh no duine ri fhaicinn air latha-na-mhàireach 's bha e a' cumail reimhe.


Chaidh e a-staigh ann an seòrsa do bhaile mór a' sin spell mun a dhorach an oidhche, agus smaointich e gur ann a rachadh e a choimhead co-dhiù dh'fheuch cà' a' faigheadh e shuipear. Fhuair e shuipear co-dhiù ach cha gabhadh—cha ghabhadh àit' fhaighinn a chumadh fad na h-oidcheadh e.


Uill [nuair?] a chaidh e through thro 'n bhaile mhór 's bha e coiseachd rathad dùthchadh is chunnaic seòrsa do bhothag beag do thaigh ri taobh a' rathaid. Chaidh e a-null agus bha an doras fosgailte 's cha robh duine no creutair [air sgeul?], ach dh'aithnich e gur e cuideigin a bha cumail beòthaichean [each?] ann a bh' ann.


Chaidh e 'staigh agus thuirt e ris fhéin, "Feumaidh mi fuireach ann a' seo a-nochd."Chaidh e a-staigh co-dhiù agus dh'fhan e ann a' sin fad na h-oidhcheadh agus anns a' mhadainn nuair a dh'éirich e thuirt e ris fhéin, "Nach nise tha am [plaosdair?] truagh a' falbh a' coiseachd mar seo? Nach fheàrr dhomh a' tilleadh dhachaigh?"


Fhuair e deiseil co-dhiù agus start e a' coiseachd ach bha e—rinn e beagan mhìltean. By gosh, dh'aithnich e gu robh e ceàrr ás a' rathad, nach e rathad air an d' thàinig e a bh' aig' idir. Is bha e coiseachd. Null leth-fheasgar, chunnaic e duine tighinn na choinneamh agus nuair a thàinig e ann an àite bruidhne dha, bhruidhinn e ris, agus bhruidhinn an duine ris.


Dh'fhaighneachd an duine a bh' ann a' sin dheth, do Dhonnchadh, "Cò ás," ars' esan, "a thàinig sibh?"


"An cuala tu riamh," ars' esan, Donnchadh, "iomradh air [bàrrchlach a' chàrnain?]?" ars' esan. "Sin agad," ars' esan, "far a bheil mis' a fuireach," ars' esan.


"Chuala," ars' esan, an duine a bh' ann a' sin, ars' esan, "ach chan fhaca mi riamh an t-àite. Ach tha mi deanamh a-mach," ars' esan, an duine, "'g 'eil sin còig mìle deug às a' seo."


"Tha mi creidsinn gu bheil," ars esan, Donnchadh.


"Ach nam bithinn — nam bithinns'," ars' esan, "nuair a [beò?]," ars esan, an duine a bh' ann a' sin, "cho riatanach 's a tha an trioblaid a bheil mise dol, feumaidh mi cumail romham. Thillinn dha 'n taigh agam fhéin ach tha e dà mhìl' ás a' seo," ars' esan. "[Còmhradh/còmhla rium?] is dh'fhanadh tu 'nochd còmhl' rium, ach chan urrainn mi sin a dhèanamh," ars' esan, "agus chan eil duine a-staigh an taigh agam fhìn ach mi fhìn," ars' esan. "Is ged a dh'iarrainn ort a dhol dha 'n taigh, chan eil duine romhad."


Thuirt Donnchadh co-dhiù gu robh siud math gu leòr agus dh' fhalbh e. Bha e falbh 's bha e coiseachd co-dhiù ach by God rinn e mu cheithir mìle de dh'astar. Chunnaic e bothag do thaigh beag ri taobh a' rathaid agus bha an oidhch' air dorchnachadh is solust a's an uinneig agus chaidh e sìos agus bhuail e aig an dorast agus thàinig leth-sheann bhoireannach dha 'n doras. Dh'fhaighneachd i dheth gu dé bha e coimhead air a shon. "Tha mi coimhead air a shon," ars' esan, "feuch am biodh tu cho math," ars' esan, "agus gun cumadh tu a-nochd mi."


"Cha chùm gu dearbh," ars' ise, am boireannach, ars' ise. "Chan eil agam ach mi fhìn," ars' ise, "agus chan eil—chan eil—tha car de dh'eagal agam ro na [fhireannaich?] co-dhiù," ars' ise. "A," ars' esan, "Cha [laigh?] mise trioblaid ort co-dhiù," ars' esan, "'s fheàrr dhut mo chumail."


"Uill," ars' ise, "ma gheallas tu dhomh gum bi thu gu math modhail," ars' ise, "dh' fhaodadh tu fuireach," ars' ise. "Chan eil leab' agamsa dhut," ars' ise. "Chan eil agam ach an leab' agam fhìn."


"Uill," ars' esan, "nach fheàrr dhomhsa an t-ùrlar," ars' esan, "mu dhol 'nam shìneadh—bhith 'nam chadal a-muigh a-nochd."


"O 's fheàrr," ars' ise. Agus chuir i air dòigh biadh dha agus thug i shuipear dha agus theann 'ad air bruidhinn, e fhéin 's i fhéin.


Ach spell mu 'n d' thàinig àm cadail co-dhiù, dh' fhalbh a' chailleach agus chàraich i leabaidh dha air an ùrlar le cuibhrigean 's le cluasagan agus thuirt i ris, "A-nist," ars' ise, "nuair thig an cadal ort," ars' ise, "theirg a chadal. 'S tha mise dol a chadal dha 'n leabaidh agam fhìn. 'S chan fhaod thu gluasad às a' sin a-nochd," ars' ise.


"'S o gu dearbh, cha ghluais," ars' esan. "Tha mi car sgìth co-dhiù," ars' esan. Ach bha sin all right co-dhiù. Dh'éirich e 'sa mhadainn agus dhe—agus chuir e tein' anns an stòbh.


An ceann spell dh'éirich a' chailleach agus thuirt i, "Dhia," ars' ise, "nach tu a bhiodh math nam biodh tu seo a h-uile madainn," ars' ise, "airson a' toirt beò an stòbha."


"A bha mise eòlach air a' sin," ars' esan, "Chan eil an taigh agam fhìn," ars' esan, "chan eil duin' ann ach mi fhìn," ars' esan. Ach co-dhiù. [?] a spell an latha co-dhiù. "Tha teans'," ars' esan, "gum feum mise bhith falbh," ars' esan. "Tha car de chùram orm mu 'n taigh agam fhìn," ars' e.


"Uill," ars' ise, " [?] 'S e—'s e soighne duine math a th' ann cùram a bhith air," ars' ise, "ach an duine nach bi cùram air, chan eil ann ach duine gun fheum."


"Tha thu ceart," ars' esan. "Ach chan eil thu falbh às a' seo," ars' ise, "an còrr dha 'n latha 'n diugh 's chan fhalbh thu a-nochd." ars' ise. "Tha do chompanaidh tuilleadh 'is math airson thu a dh'fhalbh."


"Uill," ars' esan, "ma chòrdas sin riut fhéin, fanaidh mis'," ars' esan, "fanaidh mis'," ars' esan, "a-nochd," ars' esan, "all right." Agus co-dhiù thuirt e, Donnchadh, ris a' chaillich a bh' ann a' sin, leth-sheann té bh'innte, cha robh i glé sheana, "Ma—ma—ma [leat?]," ars' esan, "ma chòrdas e riut mise dh'fhuireach a-nochd," ars' esan, "fanaidh mi."


"O gu dearbh còrdaidh," ars' ise. Latha na mhàireach co-dhiù dh'éirich e, Donnchadh, agus thug e beò an stòbh' mar a rinn e an-dé agus dh'éirich a' chailleach agus thug i dha bhreackfast. Bha 'ad a' seanchas co-dhiù agus air spell dha 'n latha, thuirt Donnchadh, "Tha seansa gum feum mi bhith 'gad fhàgail."


"Uill," ars' ise, "tha teansa gum feum, ach a Dhia," ars' ise, "b' fheàrr leam thu bhith fuireach. Ach," ars' ise, "tha toil agam aon rud fhaighneachd dhìot agus tha gràin agam air."


"Faodaidh tu," ars' esan, "rud sam bith fhaighneachd dhiòms'," ars' esan.


"Am biodh tus'," ars' ise, "deònach mise a phòsadh?"


"Uill," ars' esan, "ma chòrdas mise riut cho math 's a tha mise còrdadh [riut?]," ars' es—ars' ise. "Ma chòrdas mise riut," ars' esan, "cho math 's a tha thus' a' còrdadh riumsa, tha mise deònach gu leòr do phòsadh."


"Uill thig thusa ann a' seo," ars' ise, "an ceann trì seachdainnean," ars' ise, agus bidh mise deiseil," ars' ise, "agus pòsaidh sinn."


"Ach," ars' esan, "feumaidh tu dhol a dh'fhuireach còmhla rium dha 'n taigh agam fhín," ars' esan. Bha deagh thaigh aig Donnchadh.


"Théid mi a dh'àite sam bith còmhla riut," ars' ise. Uill, glé mhath. An ceann nan trì seachdainnean co-dhiù, thill Donnchadh gu àite na caillich agus bha a' chailleach deiseil. Phòs 'ad air latha na mhàireach [ann a'?] sin agus rinn 'ad banais mhòr shunndach éibhinn aighearach ach chan eil fhios agamsa. Cha d' thug 'ad dhomhs' an cuireadh co-dhiù.


Sin agad sgeulachd Donnachadh Robach.


Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile