Back to recordings
Dòmhnall Gorm an Louisbourg
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF233i06 DÒMHNALL GORM AN LOUISBOURG
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
Aig a' bhlàr a bh' ann a' Louisbourg ann an 1858, nuair a thàinig na saighdearan Gàidhealach air tìr, agus Dòmhnall Gorm air an ceann, thathar ag ràdh gur e Dòmhnall Gorm a thug a' char ás na Frangaich a bha shuas gu h-àrd air sentry. Nuair a dh'éibh iad "Cò bha siud?" gu robh Dòmhnall Gorm cho comasach air Frangais a bhruidhinn 's a bha e air càineil eile, is gura h-e a fhreagair na Frangaich is gun d'thuirt e riutha gur e Frangaich a bh' ann, is gur ann mar sin a fhuair 'ad suas gu bàrr nan creag.