GF233i05 TURUS Á MHEXICO Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie Bàrd: Eòin Dhòmhnaill Iain | John V. MacNeil Bha e an turas a bh' ann a' seo 'dol sìos á Mhexico, agus thug e leis caraid a bh' aig' ann a' sin, Gàidheal gasda air choireigin a bha na dheagh phìobaire, agus bhiodh e 'falbh mu chuairt as an éideadh Ghàidhealach, as an fhéileadh. 'S thuirt e, thuirt e ris an t-fhéileadh a chur air is a' phìob a thoirt leis, agus nuair a ràinig 'ad shìos Mexico thug e air a' charaid a' phìob a chuir suas, agus cha chuala—cha chual' 'ad sin pìob riamh is chan fhac' 'ad pìobaire is chan fhac' 'ad duine as an éideadh Ghàidhealach riamh, agus rinn John V. an t-òran. Tharraing e dealbh air mar a bha. 'S e 'na gillean buidhe' a bheireadh 'ad riutha, "na gillean buidhe Ghàidheal, 's e béist a thàinig [a-nall/dha 'n fhonn?]", fhios agad. [Séist]: Fear a' bhiorain shiùbhlaich Gad ionnsaigh, a nighean donn Fear a' bhiorain shiùbhlaich A' carachadh 's a' tionndadh [Na h-éideadh air a-null / Nuair a théid a' fear a-null?] [E 'toir iùil?] dhuit a nighinn donn Co dhiubh, nuair a—o, tha mi an deaghaidh a dhìochuimhneach, ach tha ceathramh ann a' seo: Nuair a fhuair e air a ghleusadh 'S a' mhuineil oirr' a réiteach Na gillean buidhe ag éigheachd 'S e béist a thàining [a-nall/dha 'n fhonn?] A Dhia, 's bochd gun do dhìochuimhnich mi e ach bha e futhasach éibhinn, tha fhios agad. Tha e coltach nach robh—gun d' thug pàirt aca, ghabh 'ad an t-eagal is theich 'ad air falbh.