GF232i02N ADHAIRCEAN FADA AIR CRODH NA H-ÉIRINN GUS A' RUIGEAR 'AD Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth-fhacal eile a bh' ac'—o bha sin glé chumanta, bha e aca mun chuairt uile gu léir air feadh na dùthchadh, aig mór-chuid dhiubh. Agus rud a bhite 'bruidhinn air, cha bhiodh ma dh'fhaoidte uibhir do dh'fhiosrachadh aca mu dheidhinn 'sa bha 'ad an dùil, 's chanadh 'ad "Adhaircean fada air crodh na h-Éirinn gus a' ruigear 'ad".