GF231i29 'S FHEÀRR DÀ CHEANN NA AON FHEAR Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Agus bha fear Dòmhnall Mac'IllFhaolain shìos aig a' Phòn Mhór, fìor dhuine gasta agus nuair a bhiodh e 'faighneachd sian dhìom, chanainnse ris, "O nach ann agaibh fhéin a b' fheàrr a bhiodh fios air a' leithid sin na th' agamsa". Gu h-àraid mu thimcheall air saorsainneachd, 's e saor math a bh' ann. Is chanadh e, "Coma leat. 'S fheàrr dà cheann na aon fhear".