GF231i26 'S DEACAIR A THOIRT BHO 'N LÀIMH AN CLEACHDADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Agus gnàth-fhacal eile a bhiodh aig Dòmhnall Mac a' Phì, 's iomadh turas a chuala mi e—o bha sin aig cuid mhór, aig feadhainn eile, ach 's ann aigesan bu trice chuala mi e. Bhiodh 'ad a' bruidhinn air rudan a bha 'ad—nuair a bha daoine suas ris a' gnothaich a dheànamh 's a leithid sin. Chanadh e, " 'S deacair a thoirt bho 'n làimh an cleachdadh". Agus tha mi 'creidsinn gun robh e glé fhurasta sin a chreidsinn, gum bu deacair a thoirt bho 'n làimh an cleachadh.