GF231i25 CHA DEAN CAS THIORAM IASGACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Chuala mi fear eile, bha gnàth—uill tha mi cinnteach gur e, ma dh'fhaoidte gur e seanfhacal ann, ach 's e gnàth-fhacal a bh' aigesan ann co-dhiù. 'S ann aig Mìcheal MacNìll, Mìcheal Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn a chuala mi an toiseach e co-dhiù, co-dhiù 'n cuala mi aig càch e no nach cuala, "Cha dean cas thioram iasgach".