GF231i23 LEUM NA CIRCEADH AIR A' SMUGAID Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth-fhacal aig Mìcheal Mac a' Phearsan, Mìcheal Nìll Ruairidh. Agus nuair a bhite 'bruidhinn air cuideigin a [-adh?] ann am bargan an gnothach a dhèanamh gun beachnachadh na gun coimhead roimhe mar a bheireadh 'ad, is [?] is chanadh e, "O, bidh cuideigin eile ann a-nist a bha uabhasach math gu bhith coimhead air thoiseach air," bhiodh e cho cinnteach às fhéin gu dé rinn e 's chanadh e, "O coma leibh, chan e leum na circeadh air a' smugaid a nì a' fear sin idir."