GF231i22 NACH EIL AN T-UAN CHO GEAL RI A MHÀTHAIR... Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth-fhacal eile a bh' aig Dòmhnall Mac a' Phì, nuair a bhite 'bruidhinn air feadhainn, is feadhainn a chaidh ris an dualchas, mar gum biodh, cuideigin a bha—a bhuinneadh seo, bha e na mhuinntir na leithid sin, chanadh e, "Carson a bhiodh sibh a' bruidhinn, nach eil an t-uan cho geal ri a mhàthair, 's a mhàthair cho geal ris an t-sneachda."