GF231i17 SLACAN AN LÀIMH ÒINSICH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha gnàth-fhacal aig bean Mhìcheil Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn, aig Anna Chaimbeul, gu bheireadh 'ad rithe, ach [clann?] 'icNìll a bh'innte 'san àm. Nuair a bhite 'bruidhinn air cuideigin a bha—a bhiodh a' falbh co-dhiù, 's e duine beag no mór no ge dé a bhiodh ann, bhiodh e—ma dh'fhaoidte gum biodh—gu h-àraid balachan beag no nighean bheag a bhiodh a' falbh le òr no le sìon, bhiodh e cho cunnartach gun dèanadh i cron. Chanadh i "Seadh, sin agaibh slacan an làimh òinsich".