GF231i09 NABACHD GUN FHIALACHD Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth-fhacal a bh' aig Niall Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn mu dheidhinn feadhainn nach robh, uill seadh, nach biodh gàbhaidh gu dol air, a shealltainn air an fheadhainn a bha 'fuireach dlùth orra. Air na coimhearsnaich. Ma dh'fhaoidte nach biodh 'ad a' dol air chéilidh no a' dol mun chuairt, no leithid sin, chanadh e, 's e "O, nàbachd gun fhialachd a th' aig an fheadhainn ud." Uill fialachd, sin agad mar a bheir 'ad, generosity.