GF231i02 BARAIL BHOCHD Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Na gnàth fhacail, tha mi 'creidsinn gur ann bho'n sheann fhacail a thàinig móran dhiubh. A' chiad fhear a th' agam ann an seo, 's e gnàth fhacal a bha aig fear Dùghall Mac a' Phì, Dùghall Mhìcheil Nìll Dhòmhnaill. Nuair a channainn-sa ri bhràthair no ris fhéin, gur e 'barail bhochd' a bh' agam air nì sam bith, chanadh e, "Seadh, barail bhochd, a bharail a bh' aig a bhroc air a thòin".