Back to recordings

Laghaiste Mór Dòmhnallach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF230i04 LAGHAISTE MÓR DÒMHNALLACH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Bha siud ann reimhinn [roimhe] agus a nise, nuair a bha 'n saoghal aig tòiseachadh a-mach tha mi 'creidsinn a bh'ann, ris fear ris an canadh 'ad Laghaiste Mór Dòmhnallach. Bha e 'fuireach air taobh eile a' chuain ann an àite ris an canadh 'ad Rudha na Beinneadh. Agus bha, thòmhaiseadh e ceithir cheud punnd do chudthrom. Agus bha e uabhasach làidir 's cha de leigeadh air le duine beireachdainn air. Ach smaointich e là dha na làthaichean gur ann a dh'fhàgadh e 'n t-àite bha e 'fuireach agus gun tigeadh e cross an cuan a dh'àite—gu àite ris an canadh 'ad Eilean a' Bhaile. Thàinig e cuideachd gun duine ach e fhéin agus bha e 'fuireach ann a' sin agus thog e taigh, cnapach do thaigh beag os coinneamh a' chladaich. Agus bha e 'fuireach ann a' sin agus làthaichean breàgha, bhiodh e na shuidhe a-muigh aig an dorast a' coimhead a-mach air a' chladach 's air na h-uile h-àite. Là dha na làthaichean co-dhiù, thug e sùil agus chunnaic e bàta caol, geal a' tighinn a-staigh. Agus aon duine na shuidhe 'sa bhàta, agus thàinig am bàta gu 'n chladach, agus thàinig an duine 's dhragh e 'staigh am bàt' agus stiùir e suas far an robh Laghaiste Mór na shuidhe.


Ach bha Laghaiste 'cumail a shùil air agus 's e duine gu math mór a bh' ann 'san fhear sin cuideachd. Agus co-dhiù, nuair a thàinig ann an àite seanchais do Laghaiste Mór, bhruidhinn Laghaiste ris. "Tha mi 'deanamh a-mach," ars esan, Laghaiste, "gur e srainnsear a th' annad."


"'S e," ars esan. "Cha robh mi riamh a' seo gus an-diugh."


"Cò às," ars esan, "a thàna tu?"


"Thàna mi," ars esan, "a-nall far taobh eil' a' chuain," ars esan.


"'S ann ás a sin a thàna mise," ars esan, Laghaiste. "Carson, uill," ars esan "Cha b' aithne dhomh—cha b' aithne dhuinn a chéile ann."


"O, cha dean sin diofar," ars esan, a' srainnsear a bha seo. "Ach," ars esan, an srainnsear ri Laghaiste, "tha mi 'n dòchas nach dean thu diofar dhomh."


"O gu dearbh," ars esan, Laghaiste Mór, "cha dean, cha do rinn mi diofar do dhuine riamh. Is cha dean is cha do chuir mi trioblaid air duine riamh mura cuireadh 'ad orm."


"Gu dé" ars esan—


"Tha," ars esan, an srainnsear a' bha seo, "tha 'ad ás mo dheaghaidh feuch a' faigh 'ad greim orm."


"Gu dé rinn thu ceàrr?" ars esan, Laghaiste, " 'nuair a tha 'ad às do dheaghaidh?"


"Uill gus an fhìrinn innse," ars esan, "dhuts' a dhuine, tha mòran airgid agam. Is tha 'ad airson feuch am faigh 'ad mo robadh" ars esan, "is tha mi 'creidsinn, mo mharbhadh. Tha a dhà dheug ac' " ars esan, "bha thall an taobh às an d' thàinig mi, 'gam watchadh. Agus," ars esan, "tha ceithir là an-diugh o'n a dh'fhàg mise thall a' tighinn cross le bàta is le ràimh," ars esan. "Ach tha uidheam travellaidh aca-san," ars esan, "nas fheàrr na sin, agus chan eil mi doubtadh nach bi 'ad a-bhos a-nochd no a-màireach. Triùir dhiubh, co-dhiù." ars' esan


"Thigeadh àsan," ars' esan, Laghaiste, "ma thig 'ad ann a' seo, dealaidh mise riuthcha."


Alright, co-dhiù, bha i 'tighinn goirid air àm 'n oidhche a theannadh air ciaradh 's a' fàs dorcha, 's thuirt Laghaiste Mór ris an t-strainnsear, "Théid sinn a-staigh," ars esan, "'s nì sin 'ur suipear," ars esan, "is bidh sinn a' seanchas a-rithist."


"Glé mhath," ars esan, a srainnsear


Chaidh 'ad a-staigh is rinn 'ad a' suipear co-dhiù is, "O," ars esan, a' srainnsear, ri Laghaiste Mór, "tha mi cinnteach gum bi 'ad a' seo a-nochd fhathast."


"O, nach leig thu leòth' iad a bhith tighinn," ars esan.


Beul a dh'oidhche dh'fhairich 'ad bualadh aig an dorais.


"Seall," ars esan, "siud. Cuiridh mi geall gur èad tha siud."


Dh'éirich Laghaiste Mór agus chaidh e gu 'n doras agus dh'fhaighneachd e cò bha siud agus thuirt 'ad ris gu faodadh e bhith coma cò a bh' ann, a dh'fhosgladh an dorais.


"Chan fhosgail mi 'n dorast," ars esan, Laghaiste, "gus am bi fhios 'am cò th' ann."


"Mura fosgail thusa," os àsan, "fosglaidh sinn' e."


"Ach uill chì sinn mu dheidhinn sin cuideachd," ars esan, Laghaiste Mór. "Agus," thuirt Laghaiste ris an t-srainnsear, "tha mise dol a dh'fhosgladh an doraist," ars esan, "is tha mi 'dol a' ghrabadh —tha—," ars esan, "'s e triùir aca a th' ann," thuirt e.


Dh'fhaighneachd Laghaiste, "Cò mheud agaibh a th' ann?"


"Triùir."


"Triùir ac' ann. Is Beiridh mi air fear a's gach làimh," ars esan, "agus sgailcidh mi e. Beir thusa air an fhear eile."


Ach all right, co-dhiù. Dh'fhaighneachd Laghaiste riuthcha [riutha], "Uill gu dé tha sibh 'g iarraidh?"


"Tha duine agad ann a' sin tha sinn airson fhaighinn."


"Uill," arsa Laghaiste Mór, "Chan fhaigh sibh e, ma-tà."


"O chì sinn," ars esan, fear aca.


Is dh'fhosgail Laghaiste an doras. 'S e leum a-staigh a rinn 'ad. 'S ghrab Lagaiste Mór fear a's gach làimh dhiubh is ghrab a srainnsear a' fear eile. Chuir 'ad fairis ris an ùrlar 'ad. Dh'éirich 'ad orra leis na breaban gus do leth-mharbh 'ad is bhreab—bha an doras fosgailte co-dhiù—bhreab 'ad a-mach 'ad. 'S thuirt 'ad riuthch' an ath trup a thig sibh, 's ann marbh a dh'fhalbhas sibh.


Dh'fhalbh 'ad co-dhiù. Agus chuir a' srainnsear a làmh na phòca 's thug uibhir as a bh' aige thoirt ás do dh'airgead, is shìn e siud do Laghaiste Mór.


"Uill," ars esan, Laghaiste, "cha robh dùil a'm ri leithid seo idir."


"O," ars esan, "gheibh thu barrachd air sin cuideachd," ars esan, "is choisinn thu e. Nach tu a shàbhail mo bheatha dhomh a-nochd."


Ach co-dhiù, bha sin all right.


Feasgar an làrna-mhàireach bha a srainnsear agus Laghaiste na suidhe aig an dorast agus chunnaic 'ad bàta caol dugh [dubh] a' tighinn. Agus ochdnar aca na suidhe ann.


"Siud 'ad a' tighinn," ars esan. "Tha mi cinnteach," ars esan, an srainnsear, "g' eil mi 'dol a chall mo bheatha co-dhiù. Chan urrainn dhuinn na tha siud."


"O ho," ars esan, ars esan, Laghaiste Mór. "Coimhead," ars' esan, "nuair a thogas mise mo làmh," ars esan, "rud sam bith tha mi 'g iarraidh, gheobh mi e."


Stiùir 'ad a-nuas co-dhiù, na h-ochdnar aca bha—gu an taigh a bh' aig Laghaiste. Agus thàinig 'ad ann an àite seanchais. Thuirt Laghaiste Mór, "Na tigibh nas fhaide na sin."


"O, feumaidh sinn," ars àsan, "dhol suas agus an duine sin tha còmhla riut fhaotainn."


"Chan fhaigh sibh e," ars esan. Ach co-dhiù, "Bheir mise oirbh," arsa Laghaiste Mór, "nach tig sibh nas fhaide na sin."


'S thog e a làmh agus reòth 'ad ann a' sin, 's stad 'ad. Bha 'ad a' grìosad dha,'ad 'ga leigil free 's nach cuireadh 'ad trioblaid tuilleadh air fhéin na air an t-srainnsear.


"Uill," ars esan, "nì mi seo dhuibh," ars esan, Laghaiste. "Thallaibh a-mach agus suidhibh anns a' bhàt'," ars esan, "'s cuiribh an aghaidh an taobh às an d' thàinig sibh," ars esan.


"Cha bhean mise dhuibh."


Dh'fhalbh 'ad 's chaidh 'ad sìos agus shuidh 'ad anns a' bhàt' agus nuair a fhuair Laghaiste Mór gun robh 'ad a-mach mu cheud troigh 'on chladach thog e làmh 's shluig e 'm bàta 's 'ad fhéin sìos dha 'n ghrunnd.


"Uill," ars esan, ars esan, an srainnsear, "'s mi bha lucky a' là a thàna mi ann a' seo." Chuir e làmh na phòc' agus thug e tuilleadh airgid do Laghaiste Mór co-dhiù. Tha seansa gun robh gu leòr aige dheth.


"Ach nist," ars esan, Laghaiste Mór, "Là sam bith a bhios toil agadsa a dhol dhachaigh," ars esan. "Faodaidh tu falbh," ars esan. "Théid mise an urras gu' faigh thu dhachaigh sàbhailt' ars e, "is cha toir thu air an astar ach trì uairean a dh'ùine.


Agus thuirt a' srainnsear ris, "Tha mi ann an cùram mór 's cha do dh'fhàg mi 'staigh ach a' bhean," ars esan. "Ma dh'fhaoidte gun do mharbh 'ad i."


Là an earar air a' sin co-dhiù, thuirt a srainnsear "Ah," ars' esan, "cha chreid mi nach feuch mi ri dhol dhachaigh."


"Do thoil fhéin," ars esan, Laghaiste Mór. "Théid thusa 'sa bhàt'," ars esan. "Agus théid mise an urras nach toir thu fada a' dol dhachaigh, ma thogas mise mo làmh. Cha ruig thu leas cùram sam bith ort gun téid do bhàthadh," ars esan, "cho luath 's gu falbh am bàta, cha ruig thu leas cùram."


Chaidh a' srainnsear sìos dha 'n bhàta agus shuidh e ann. Is shuidhear e 's nuair a fhuair Laghaiste Mór a-muigh pìos air a' mhuir e, thog e làmh 's dh'fhalbh am bàta, cha robh ceann sgeoil air, cho luatha 's a bha e a' falbh.


Land e aig an taigh aige fhéin thall. O, rinn a bhean uabhas do thoileachas ris, i cinnteach gu' robh e marbh co-dhiù. Tha sin all right, co-dhiù. Dh'inns e dha 'n bhean an duine math a thachair ris an do—dar a shàbhail e bheatha, is a h-uile sian. "Cuiridh tusa," ars ise, "airgead gu 'n duine sin," ars ise, "agus tha gu leòr a' seo dheth."


"O, gu dearbh, cuiridh," ars e.


Chan eil fhios a'm dé uibhir is a chruinnich 'ad do dh' airgead co-dhiù is mhail 'ad thuige e. Ach thuirt 'ad ris gu' robh 'ad a' toirt dha do dh'airgead a dheanamh, nach ruigeadh e leas car a dheanadh gu bràth. Gu' robh siud do dh'airgead a chumadh beò e fhad 's a bhiodh e beò.


Bha sin all right, co-dhiù. Là dha na làthaichean co-dhiù thàinig dithist eile gu 'n taigh. Agus 'ad a' coimhead airson an duine a bh' ann a' seo.


"Uill," ars esan, Laghaiste, "chaidh an duine sin dhachaigh," ars e. "Uill," ars esan, "an ann—dé," ars esan, Laghaiste Mór, "an gnothach a bh' agaibh ris."


"O," ars esan, fear aca "'S e bràthair dhuinne a bh' ann," ars an duine, "bha fheadhainn ás a dheaghaidh airson a mharbhadh."


"Thallaibh sibhse," ars esan, "agus theirigibh a-null," ars esan, "tha sibh ag innse na fìrinne?"


"Tha."


"Thallaibh," ars esan, Laghaiste Mór, ars esan, "Cha ruig sibh leas a bhi smaointinn gur a h-urrainn dhuibh a mharbhadh. Nuair a thogas mise mo làmh," ars esan, "ma bheanas sibh dha, tuitidh sibh péin marbh."


Is dh'fhalbh is chaidh a h-uile rud air dòigh as a dheaghaidh sin. Sin a' rud mu dheireadh a dh' éirich do Laghaiste Mór is dh'an 'n t-srainnsear.






Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile