GF229i02 FEAR ÁS DEAGHAIDH NA FÉINNEADH Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie Bha Fionn air fàs gu math sean. Agus, bha fear òg a's an Fhionn ris an chanadh 'ad Diarmaid. Agus, thuirt e ri Fionn aon latha, "Bheiribh sibh-se dhomhsa na naidheachdan agus sgrìobhaidh mi sios 'ad. Mu dheidhinn dol air n-aghaidh a bha 's an Fhionn a's na bliadhnaichean a chaidh seachad." Agus, bha Fionn ag innse dha na stòraichean. Ach, chan eil cuimhn' agam air na stòraidhean sin ach aon fhear. Agus, nuair a thàinig e dh' ionnsaidh a' stòraidh sin, thuirt e ri Diarmaid mu dheidhinn an dàmh mór a bha 's a' choillidh. Agus, eun ris an canadh 'ad isean a' loin-duibh agus thuirt gur e sin am beathach a bu moth' a bha 's a' choillidh. Agus dh' fhaighneachd Diarmaid dha, "Dé a' mheudachd a bh' ann an isean a' loin-duibh?" "Uell," ars' esan, "an dàmh a 's motha a tha 's a' choillidh," ars' esan, "nam bristeadh tu a luirg dheth, agus a' chas a bhristeadh far isean a' loin-duibh agus a' smior a ghlanadh ás, chuireadh tu luirg an dàmh a 's moth' a tha 's a' choillidh ro tholl na smior." "Uell," ars' esan, Diarmaid, ars' esan, "ma sgrìobh mise dhe d' bhreugan," ars' esan,"sgrìobh mi, 's chan eil mi 'dol a sgrìobhadh a' chòrr." Agus, rug e air na pàipearan a bha e air sgrìobhadh agus chaith e a's an teine 'ad. Agus, a' bhean aig Diarmaid, leum i agus shàbhail i pàirt dhe na pàipearan. Ach co dhiubh, bha Fionn gu math feargach mu dheidhinn a' rud a thuirt Diarmaid, agus gu bith dé an cùis a thog e, fhuair e dhe 'n bheinn t-seilg, agus fhuair e greim air isean a' loin-duibh. Agus, thug e dhachaigh e, agus bhrist e 'chas dhi, agus fhuair e greim air dàmh agus bhrist e 'luirg far an dàmh. 'S ghlan e smior cas isean a' loin-duibh, agus fhuair e Diarmaid. Agus, thuirt e ris, "Coimhead a-nist seo," os' esan. Thug e 'luirg, agus chuir e ann an toll na smior aig cas isean a' loin-duibh, agus thuit a' luirg roimhe. Uell, bha Diarmaid an uairsin a' faireachdainn gu math dona. Agus, shuidh e sios a-rithist, agus thuirt e ri Fionn, "Feumaidh sibh mo leth-sgeul a ghabhail," os' esan. "Cha chreidsinn siod," os' esan, "mura faicinn e. Ma dh'—bith dé dh' innseas tu dhomhsa a-nist," os' esan, "sgrìobhaidh mi e." "Uell," os' esan, Fionn, os' esan, "ma dh'inns mise dhut, dh' inns," os' esan, "agus a' rud nach do dh' inns, chan fhaigh thu 'mach gu bràth." Sin agad na bheil agam air chluinntinn.