GF227i03 BODACH AN AOIL Beulaiche: Donnchadh Dhomhnuill Lachlainn Ghuaire | Duncan MacQuarrie Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-09-25 Bha seann duine timcheall an dùthaich seo ris an chanadh 'ad 'Bodach an Aoil'. Bhiodh e a' loisgeadh àthan aoil airson a' deanamh aoil airson clachaireachd 's obair dhe 'n t-seòrsa sin. Bha e an oidhche seo na shuidh' aig an teine, far a' robh e a' loisgeadh an aoil, 's thàinig an duine seo am fianais. Dh'aithnich e e, bha fhios aige gun deach a bhàthadh air trup bho Newfoundland bliadhnaichan ron a' seo. Ghabh e an t-eagal. Cha d' thuirt e guth, chaidh an taibhse às fianais. An ath fheasgair a-rithist, bha e 'n aon rud, thàinig e an darna turas. Cha robh fhios aige gu dé a bha e a' dol a dheanamh. Ach co dhiubh, an triùir oidhche, rinn e suas inntinn gun robh e a' dol a bhruidhinn ris. Dh'fhoighneachd e gu de a bha e ag iarraidh, agus bhruidhinn e ris—an taibhse—ris. Thuirt e gun deach a bhàthadh eadar Sudnaidh a Tuath agus Newfoundland, 's gun do dh'fhàg e airgead a' falach anns an taigh, 's bha e airson esan innse dha chuideachd far an robh e. Nuair a thigeadh a' ghrian timchioll feasgar aig còig uairean, los 's gu robh e a' sealladh a-staigh air an uinneig air taobh an ear—taobh an iar an taighe, gu shineadh a a-staigh air a' drawer a bha 'sa bhalla, agus sin fhosgladh 's gu faigheadh e an t-airgead. Dh'inns e dha cuideachd far am faigheadh e e. Dh'fhalbh e an làrna-mhàireach. Dh'inns e dha 'n fheadhainn a bha air fhàgail rud a chunnaic e 's an rud a chual' e. Cha robh do—dh'fhan e gu còig uairean feasgar, 's nuair a bha a' ghrian a' sealladh a-staigh air a bhalla, far an dùraich e a bhitheadh e, chaidh e a null 's dh'fhiach e le gob na sgian, 's fhuair e bòrd glas ann a' shin, is dh'fhosgail e e 's bha an t-airgead ann a shin, agus rinn e ùrnaigh ri Nì Math Nan Gras gun toireadh e a fhradharc buileach bhuaithe mura faiceadh e an còrr dha na seallaidhean ud. Agus 's e an fhìrinn a tha seo.