GF223i07 GUN DO CHAILL IAD NA H-ÌNEAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Chaill iad na h-ìnean a' sgrìob air a' cullach-eòin Gun do chaill iad na h-ìnean a' sgrìob air a' chullach-eòin Is chaidh a chrogadh sin dhachaigh a shabaid ri cullach-eoin Sin mar a chuala mi am port-á-beul sin aig seann bhoireannach a bha thall aig a' Rubh' Mheadhanach a bha 'fuireach an taice rium. 'S e—bha i pòsd aig Mìcheal MacNìll, ach 's e nighean Dhòmhnaill Iain Dhiarmaid bheireadh 'ad rithe, Anna Dhòmhnaill Iain Dhiarmaid. 'S bha i fhéin gu math pailt do phuirt-á-beul, do dh'iomadh gnàth.