GF221i06 AM FEAR NACH FHACA SGÀTHAN RIAMH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha sgeul agam air fear—'s ann shìos aig—goirid dha 'n àite 'san deachaidh mi fhìn àrach a bha an duine a fuireach, agus 's e fear a mhuinntir shìos a sin a bha 'g innse dhomh na naidheachd. Id bha—'s e naidheachd fìrinneach a bha seo; bha i air seo—thachair seo cinnteach gu leòr. Bha seann duine a' seo 's bha feusag mhór air agus air sàilleabh feusag mhór bhith air cha robh—bha fios aig an fhear eile nach—bhiodh e 'na ròg a bha seo, nach biodh e a' toirt dheth na feusaig le speal mhór mar a bheir 'ad no le ealtainn, agus bha e turas anns a' bhaile agus cheannaich e sgàthan beag 's thug e sin dhachaigh agus smaoinich e a dhol a-null a choimhead air, air an fhear a bha seo, agus thug e leis an sgàthan a-null 's bha 'ad a' seanchas. Agus nuair a bha 'ad tacan an seanchas "An dà, Iain", ars' esan, "nuair a bha mise 'sa bhaile", ars' esan, "nach do cheannaich mi dealbh muncaidh?". Agus, "Seadh", ars' esan, "do cheannaich?". "Cheannaich.", ars' esan, "Tha mi dol 'gur sealltainn." Agus thug e null an sgàthan 's shìn e dha e is bha e 'coimhead air tacan. "'N dà, air m' anam fhìn", ars' esan, "gura h-e beòthach grannd' a th' anns a' mhuncaidh fhéin."