Òran na Mèinneadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF219i09 ÒRAN NA MÈINNEADH
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Jim MacInnis
...ròp' a' dol air is bha e 'ga [whizz?] 'dol mu chuair—
Méinn guail a start 'sa bhootlegged mine thall ann an—nach ann an a Big Pond a bha e? Air cùl Big Pond, agus 's e, bhiodh goirid do dh' àit' ris a an canadh iad Màrtainn MacAonghais agus bha bràthair aige Jim MacInnis, bha e na bhogsair agus 's e a dh' ionnsaich an t-òran seo dhomhsa, beagan ceathramhan a rinn e. Cha robh dòigh hoisteadh ac' ach car do dh' uidheam a rinn 'ad fhéin agus bha làmh as an uidheam seo coltach ri làmh chlach-gheuraich agus bha ropa tighinn mun cuairt, fhios agaibh, air tha seo 'dol mun chuairt orra agus rinn Jim, a bhràthair, thoisich e air ceathramhan do dh' òrain, do Mhàrtainn is dha 'n a' mhéinn is dha 'n hoist a bha seo is thuirt e:
'S iomadh rud a dh' fheumas i 's [beagan/béicean?] is maidean donn
Duine gus thionndail le ionnsachadh nach robh ann
Cuiridh mi mo [bhotail/bhòta?] le òigeanach anns a' ghleann
Nach eil planachan Mhàrtainn aig' an diugh 's e na ceann
[Séist]: Seinn irinn òro
Seinn í, seinn ó
Seinn irinn òro
Seinn òro hà ró
...cha chreid mi nach e sin a th' agamas air a' seo.