GF218i05 MO CHRIDHE TROM Beulaiche: Seonaidh mac Dhonnchaidh 'ic Mhurchaidh Eoghainn Dhonnchaidh | Johnny MacLennan Bàrd: Dòmhnall MacUais | Donald MacCuish [Séist]: Mo chridhe trom, 's duilich leam, Muladach mar a tha mi Chuir mo leannan a chùl rium Fear ùr 'bhith tighinn 'nam àite 'S e mise tha gu tùrsaidh Gur sin [an/ann?] dh'fhàs mi crùbach Chan fhaigh mi 'dol air chéilidh Na a' gabhail sgeula mo chàirdean. 'S dar chunniach mis' an tòiseach sibh A' suidh' an [toirt/toiseach?] a' bhàta 'S e còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu Mo luaidh, nuair a thug mi gràdh ort. Baraidh Dubh na Donnchadh Chan urrainn mi ga càineadh Och gu àite [Siubhlaidh/Julie?] Na h-Uibhistich a Bhràigh'.