GF216i02 LEIGHEAS: AN T-SEACHDAMH NIGHEAN Beulaiche: Tomaidh Peigi Thòmais | Tommy MacDonald Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Bho chionn bliadhnaichean, bha an seachdamh mac, na a' seachdamh nighean, a's an teaghlach, Bha 'ad air a' ... Uill bha 'ad air an cur a-mach 'son, gun leighseadh 'ad … uill, 'g radhainn [ghiseagan? lethchollan?]. Nam faigheadh tu siod ... nam biodh druim fìor ghoirt agad. Agus bha mo sheanmhair, ise—'s is' a' seachdamh nighean anns a teaghlach. 'S bha i, bha mòran a' tighinn roimpe 'son leigheas fhaighinn air druim goirt. Ach a' làtha seo thàinig seann fhear a mhuinntir Smokey shìos, bha e 'tighinn a nuas, a Breton Cove far robh 'ad. Bha a' rathad math 's a' gheamhradh, ach bha e làn pitcheachan, mar a chanadh 'ad an uair sin. 'S bha an t-each a bh' aige gu math bragail nuair a thigeadh e gu pitch. Bheireadh e leum 'son faighinn seachad air cleabhar. 'S uair dhe na h-uaireannan, thug e leum 's thug e droch spìonadh air druim a' bhodaich. Nuair a thàinig e chon an àit' againne, 's gann gum b' urrainn dha ghluasad a-mach as an t-sleighe. Ach bha fhios aige gu robh mo sheanmhair, gu robh i comasach air leigheas a dheanamh airson druim goirt 's a leithid siod. Thàinig e 'n àirde chon an taighe 's dh'inns e 'n t-aobhar gun dànaig e 'n àirde. 'S thuirt i ris, "Glé mhath. Thig sìos air an ùrlar air do mhionach." Chaidh esan sìos, thòisich i. 'S bha ise na boireannach trom. Bha i ... ma dh' fhaoidhte gun cothromadh i ... glé mhath seachad air dà cheud pounds. Thòisich i ... dheigheadh i cros air an druim aige, 's ligeadh esan "OW!" [às]. Rachadh i air ais, 's air adhart. Agus, dheigheadh i air ais 's air adhart seachd tursan, agus by God, dh'éirigh e, bha e 'feuchainn air [ceabharan?] beag 's e gabhail stoc 's a h-uile dad. By God, dh' eirich am bodach an àirde 's bha e cho friosgail 's a bha e riamh. Ach rinn i leigheas dha no doubt. Ach tha mi 'creidsinn gur e a' rud a thachair, gu robh ... Tha mi creidsinn gun dug e spìonadh air a dhruim, 's chuir i air ais…rudeigin mar an chiropractor.