An Droch Shùil agus Uisge Airgid
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF216i01 AN DROCH SHÙIL AGUS UISGE AIRGID
Beulaiche: Tomaidh Peigi Thòmais | Tommy MacDonald
Bha seann bhoireannach a b' àbhaist a bhith a' tighinn a-nall a chur seachad pàirt dhe 'n t-samhradh còmhla rinne nuair a bha mi 'fuireach shìos ann am Breton Cove. Bha i, uill bha i 'na caraide math dha mo mhàthair 's, ach thachair gu—bha móran dha na, dha na giseagan seo aice, mu 'creidsinn ann am buidseachd 's móran do ghnothaichean eile nach robh, nach eil glé—móran a' creidsinn annta dhiubh co dhiubh.
Ach tha cuimhn' a'm glé mhath, cha robh mi ach, tha mi 'creidsinn gu robh mi mu chuairt air dà bhliadhna dheug, na trì bliadhna deug. Bha i 'bhos againne a dhà na trì sheachdain 's madainn Sàbainn, as deoghaidh dhi éirigh, bha mo mhàthair—m' athair a' dol a-mach a bhleoghainn. Bha 'n crodh againne a's a robh [?] as déidh an [fhiaradh/iarradh?] oirre 's bha 'ad timcheall faisg air an dorus, 's bha—thòisich i 'bleoghainn 's chan urrainn dha 'n a' chrodh—air a dhol—bha ise 'n dùil gur ann air—a dhol 'na laighe a bha i. Thug i sùil oirre 's bha i, o bha i dìreach air a— dh'fhalbh na casan a-mach dìreach foi', air falbh bhuaith', 's bha i 'n dùil gu robh i dìreach a' bàsachadh. Cha robh geumadh aices'.
Chaidh i 'null far a robh i 's cha robh gluasad na—na sùilean a' tionnadh geal 'na ceann 's a' caitheadh a-mach. Agus, uill, an uair sin bha, dad sam bith a thigeadh ceàrr air bó na—bha 'ad a' creidsinn làidir ann a' —gun robh—gur a' chailleach riobach a bh' oirre. Agus bha aon fhear a' fuireach, an t-ath thaigh rinn, bhiodh e 'gearradh [seo/co-dhiubh?] [an t-ad?] [agus bha do rud?] a bha a' fàs a-staigh am broinn beul na bó na bà, gheobhadh 'ad [ceumais/cuimis?] ùr airson gearradh na clòimh air na caoraich, gus sin a lomadh. [Cha do rinn sin riamh sam bith?]
Co dhiubh, dh'éirich a' chailleach a bha 'fuireach againn 's thàinig ise 'mach. [Bhreith e?], "Chuir cuideigin sùil air a' bhó agad. Agus faigh thusa dhomhsa pìos do dh'airgead, cairteal na leth dolar is soitheach uisge."
Chaidh sin fhaighinn dhi is chuir i an t-airgead dha 'n an uisg' 's thòisich e [falbh lùbrach?] timcheall. [whisper/spurt? dha][seall—thòisich gum bi e mar sin?]. Fhuair i—bha i a-null ris an t-soitheach is thòisich i 'sradadh an uisge air a' bhó.
By God, ann an ceann dhà na trì mionaig bha a' bhó air a casan 's thòisich i 'g ithe an fheòir. Bha mise làn sùilean a choimhead, a dh'fhaicinn seo a' tachairt. Ach [?] mara bhiodh gu faca mi a' tachairt le mo shùilean, cha chreidinn e co-dhiubh.
Bha e 'tachairt gu math tric, na [rudan/làithean?] sin. Siud a' rud ris a thachair gu do chuir cuideigin sùil air a' bhó. Bha a' bhó bhrèagha. 'S e bó bhrèagha a bh' ann.