Back to recordings

Raghnall Màiri Bhàin agus an Làir

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF214i08N RAGHNALL MÀIRI BHÀIN AGUS AN LÀIR


Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell



Chaidh e as deoghaidh sin, chaidh e dha 'n cheàrdach latha. 'S bha làir bheag bhìdeach aig Raghnall 's bha i eagalach beag 's bha dròbh do dh'eich aig a' cheàrdach. Thàinig Sam dh'ionnsaidh na ceàrdach. 'S bha esan 'na dhuine car mór, bha e 'n dùil gus [?] an gobhainn 's obair dhasan co dhiubh. Dh'fhoighneachd e dha 'n ghobhainn an cuireadh e cruidhean air an each dha 's thuirt an gobhainn gu robh e busaidh 's nach b' urrainn dha. "O, théid agad air an cur air."


"Chan urrainn dhomh. Tha poidhle do dh'eich agam ri dheanamh mun téid agam air an t-each agads' a dheanamh. 'S dh'fhaoidte gum biodh an oidhche ann mun téid agam air a dheanamh."


Bha Sam, bha fuathas an fhearg air 's choimhead e 's thuirt e, "Có leis a tha a' rodan—beòthach tha thall ann a' siud?"


Bhruidhinn Raghnall suas, thuirt e "'S ann leams' a tha i. 'S fheàrr dhutsa teicheadh, tha 'n [deann oirre gu rodan?]."




Gussie Campbell
Cùl Shiudaig | Gussieville 4 recordings Faic pròifil | view profile