Raghnall Màiri Bhàin agus Sam
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF214i07N RAGHNALL MÀIRI BHÀN AGUS SAM
Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell
Bha, bha Raghnall Màiri Bhàin bha e 'muigh a' sàbhadh chonnadh do Sam MacDonell.
Bha Sam MacDonell, 's e fear-lagh 's bha e pòsd' aig nighean Pheadar Smith. Dar a phòs Peadar, start esan air collecteadh an ainbhiach. 'S bha ainbhiach aig' air Màiri Bhàn, agus cha robh dòigh aic' air sin a phàigheadh. 's b' fheadar do Raghnall a' dol a dh'obair do Sham. Latha bha seo, bha Raghall a-muigh, bha e 'sàbhadh chonnadh a-muigh aig an t-siteig. Agus, bha Sam 'ga choimhead a-mach ro 'n uinneag 's chunnaic Sam cho slow 's a bha e 'g obair.
Chaidh Sam a-mach 's thuirt e, "Bheir dhomhs' a' sàbh tha sin."
'S thug e leis a' sàbh 's start e air sàbhadh 's shàbh e dà bhlock, is dheis. Bha e 'toirt fairis. Thuirt e, "Mura bhiodh a' bhrù agamsa, rachach agam air obair."
"Uill, mura bhiodh a a' bhrù agams', cha leiginn a leas a bhith 'g obair idir."